Â鶹ԼÅÄ

Explore the Â鶹ԼÅÄ
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
»
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
°äà²Ô²¹¾±²Ô





Ìý
Ùraichte air: 01 An t-Sultain, 2010 - Air fhoillseachadh aig 10:58 BST
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
RET gus leantainn bliadhna eile dha na h-Eileanan Siar
Ìý
MV Clansman
Bha dùil gun sguireadh an sgeama pìleat an ath-bhliadhna
Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gun lean faraidhean saora RET air seirbheisean aiseig eadar na h-Eileanan Siar, Colla agus Tiriodh agus Tìr Mòr, bliadhna eile gu an t-Earrach 2012.

Thàinig an naidheachd an dèidh do BhPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, iarraidh air an Riaghaltas innse an deadh na faraidhean a chumail.

Bha dùil gun sguireadh an sgeama pìleat an ath-bhliadhna.

Tha eileanan eile ann an Earra-Ghàidheal ag iarraidh gun tèid RET a chur air na slighean acasan cuideachd, agus fianais ann gu bheil an sgeama air cur gu mòr ri turasachd sna h-Eileanan Siar.

Poileataigs

Sheall figearan bho Visit Scotland bho chionn greis gun robh an àireamh de luchd-turais suas anns na h-Eileanan Siar cho àrd ri 40% air a' bhliadhna an-uiridh.

Tha diomb air cuid ann an Eileanan Earra-Ghàidheal mun naidheachd.

"Chan eil e ceart idir sin," thuirt Comhairliche Ìle, Diùra agus Cholbhasa, Robin Currie.

"Gur ann a tha muinntir nan Eileanan Siar a' faotainn leth na prìse airson a' bhàt-aiseig, agus sinne an seo ann an Earra-Ghàidheal is Bòid, a' pàigheadh an fharaidh air fad.

"Ma tha aon eilean ga fhaotainn, bu chòir dha na h-Eileanan air fad fhaotainn.

"Chan eil e ceart nach eil sinn ga fhaotainn airson Muile, Colbhasa, Giogha. Carson nach eil sinne ga fhaotainn?" thuirt e.

Thuirt BP Earra-Ghàidheal, Ailean Reid, gu bheil an SNP a' taobhadh ris na h-Eileanan Siar a dh'aona-ghnothach gus an sgìre a ghlèidheadh aig an ath-thaghadh.

Chan eil BPA Nàiseantach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, a' gabhail ris an argamaid sin ge-tà.

"Tha ùidh aig an SNP ann an Earra-Ghàidheal cuideachd - 's e seat SNP a th' ann," thuirt e.

"Tha e cudromach cuideachd a ràdh gu bheil RET a' ruith mar thà air na slighean gu dà eilean ann an Earra-Ghàidheal, gu Colla agus Tiriodh.

"Feumaidh mi ràdh cuideachd ge-tà, gum bithinnsa gu math toilichte nam biodh RET ag obair dha na h-eileanan eile cuideachd.

Ìý
Ìý
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
Ìý
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Ìý

About the Â鶹ԼÅÄ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý