Â鶹ԼÅÄ

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

10 An Dùbhlachd, 2009 - Air fhoillseachadh aig 13:17 BST

Bile Ath-leasachaidh na Croitearachd ga fhoillseachadh

Chaidh molaidhean a chuireadh dìon air croitearachd mar dhòigh-beatha fhoillseachadh.

Tha Bile Ath-leasachaidh na Croitearachd a' cur uallaich air Ùghdarras nan Croitearan dèiligeadh ri daoine nach eil a' fuireach air an croitean.

Tha an cumhachd sin aig an Ùghdarras mu thràth ach tha Riaghaltas na h-Alba airson 's gum bi dleastanas orra tighinn cruaidh air daoine nach eil a' cleachdadh am fearainn.

Tha moladh ann cuideachd gum bu chòir dhan Ùghdarras fhèin a bhith nas cunntasail agus gum bi a' mhòr-chuid de bhuill na buidhne air an taghadh le croitearan.

An ath-ghinealach

A' foillseachadh a' Bhile aig croit ann an Siorrachd Inbhir Nis Diardaoin, thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Roseanna Choineagan, gur e gnìomhachas fìor chudromach a bh' ann an croitearachd ach gun robh e ann an staid cugallach.

Tha am Bile a' moladh sgrùdaidhean nas cruaidh air iarrtasan gus fearann a thoirt a-mach à croitearachd - gluasad a dh'fhaodadh a dhèanamh nas fhasa do dhaoine òga croit fhaighinn.

Connspaid

Chaidh mòran dhe na molaidhean as motha a bha ag adhbhrachadh connspaid ann an dreach a' Bhile a thoirt às.

Mar eiseimpleir, cha bhi dleastanas air ùghdarrasn ionadail dèanamh cinnteach gu bheil daoine aig a bheil taighean air talamh a thugadh a-mach à croitearachd a' fuireach annta airson co-dhiù sia mìosan dhen bhliadhna.

Chan eil am moladh gum faodadh croitearan iasad coimearsalta fhaighinn bhon bhanca air a stèidheachadh air luach na croite air nochdadh sa Bhile a bharrachd.

Agus tha e a' coimhead coltach nach cosg clàr ùr nan croitean na h-uidhir do chroitearan sa bhathar an dùil.