Â鶹ԼĹÄ

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/

11 An t-Iuchar, 2008 - Air fhoillseachadh aig 16:34 BST

Niall O'Gallagher
Neach-Naidheachd Poileataiceach Â鶹ԼĹÄ Alba

Stri son Glaschu an Ear

Chan ann tric a bhios tòrr luchd-naideachd no camarathan anns a' phàirt às motha de Ghlaschu an Ear.

Nuair a tha, mar as trice, 's ann air sgĂ th 's gu bheil Celtic a' cluich aig Parkhead, no gu bheil rudeigin dona air tachairt a tha e.

Ach an t-seachdain-sa, tha an sgìre air bhith làn de luchd-naidheachd agus camarathan, a' leantainn nan iomairtean ann am fo-thaghadh Ghlaschu an Ear.

Fad cola-deug eile, bidh sĂąil Bhreatainn air fad air Taobh an Ear Ghlaschu.

Bheir na chuireas iad romhpa buaidh air an dĂąthaich air fad.

Nan cailleadh na Làbaraich an seat seo - fear de na seataichean as sàbhailte a tha aca - dh' fhaodadh e bhith gu math doirbh do Ghòrdain Brown cumail a' dol.

Toiseach fadalach

Aig uair Ă bhaisteach bhiodh e furasta do na LĂ baraich an seat seo a ghleidheadh.

Tha daoine anns an sgìre seo air a bhith a bhòtadh air an son fad ghinealaichean.

Ach chan e uair Ă bhaisteach a tha seo.

Tha na LĂ baraich ga fhaighinn doirbh air feadh Bhreatainn an-drĂ sta.

Tha iad gun cheannard aig Holyrood agus tha Gòrdan Brown ìosal anns na cunntasan-beachd.

Agus cha do thòisich iomairt a' phàrtaidh an dà-rìreabh gu diluain agus e a' failneachadh orra tagraiche a lorg a sheasadh san sgìre.

Cha do nochd an fhear a bha san amhairc aca mar thagraiche - an Comhairliche Seòras Ryan - aig coinneamh a' phàrtaidh oidhche haoine mar bu chòir.

Chuir e roimhe gun cuireadh an iomairt buaidh ro mhòr air a theaghlach.

Dh' iarr iad an uairsin air Ceannard Comhairle Bhaile Ghlaschu Steven Purcell, ach dhiĂąlt esan seasamh cuideachd.

Didòmhnaich, chuir Màiread Curran - a tha na ball airson Glaschu Baillieston ann am Pàrlamaid na h-Alba - a h-ainmse air adhart.

Chaidh a h-ainmeachadh gu foirmeil oidhche Luain.

Luchd-tadhail

Madainn Diluain bha Dàibhidh Camshron ann an Easterhouse airson iomairt nan Tòraidhean a chur air bhòg.

Bha an tagraiche aca, Davena Rankin agus an seann cheannard Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn an lĂ thair aig Eaglais Naomh Iudais.

'S esan naomh nan cĂąisean cĂ illte.

Ged nach eil duine den bheachd gum b' urrainn do na Tòraidhean buannachadh, chum Mgr Camshron a-mach nach e cùs càillte a bha aca.

Tha sùil Mhgr Chamshron air an ath thagadh choitcheann is esan airson grèim fhaighinn air iùchraichean Àireamh a Deich.

Chleachd esan an cothrom gus bruidhinn mu dheidhinn bochdainn, drugaichean agus eucoir sgeinne.

An aon latha thadhail am prìomh mhinistear, Ailig Salmond, air an sgìre gus iomairt Iain Mason a chur air bhog, agus bha ceannard nan Lib Deamach, Nick Clegg an làthair Diciadain gus taic a thoirt do dh'Iain MacRàibeart.

Tha Gòrdan Brown, air a ràdh nach eil e iomchaidh do phrìomhairean tadhail air sgìre far am bi fo-thaghadh agus mar sin dhe cha tig e.

Cuspairean

Ach dè na cuspairean a tha cudromach do dhaoine ann an Taobh an Ear Ghlaschu?

'S e seo fear de na h-Ă iteachan as bochda ann am Breatainn.

Tha tòrr dhaoine gun obair. Tha droch shlàinte gu math cumanta. Agus tha trioblaidean ann le drugaichean agus le eucoir.

Chan eil teagamh sam bith ann gu bheil na trioblaidean seo a' cur dragh air daoine agus gu bheil ùidh aig muinntir na sgìre annta.

Ach tha teagamh ann a bheil na daoine a' creidsinn gun urrainn do luchd-poileataics na trioblaidean sin a chur ceart.

Earbsa

Mar sin dheth, 's dòcha gur e an rud as cudromaiche anns an fho-thaghadh seo an àireamh de dhaoine a bhòtas idir.

Tha daoine ann an Glaschu an Ear a tha den bheachd gur e am pĂ rtaidh LĂ barach as coireach airson nan trioblaidean aca.

Ach tha daoine eile ann aig nach eil earbsa ann an luchd-poileataics idir, ge be dè am pàrtaidh anns a bheil iad.

'S e a' cheist, dè nì luchd-taic nan Làbarach a tha mì-thoilichte leis a' phàrtaidh?

Ma bheir iad an taic don SNP dh'fhaodadh gun tig atharrachadh a bheir buaidh air riaghaltas Ghòrdain Brown agus poileataics Bhreatainn air fad.

Ach, leis an gainnead earbsa a tha aig muinntir Ghlaschu an Ear ann an luchd-poileataics, dh'fhaodadh iad cur romhpa gun bhòtadh idir agus dìreach fuireach aig an taigh.