Â鶹ԼÅÄ

Explore the Â鶹ԼÅÄ
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
»
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
°äà²Ô²¹¾±²Ô





Ìý
Ùraichte air: 16 An Cèitean, 2008 - Air fhoillseachadh aig 14:37 BST
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Brown a' sabaid air ais
Ìý

Ìý
Ìý
Bonn deich sgillinn
Thug Mgr Brown òraid seachad mu phlanaichean an Riaghaltais
As dèidh seachdain ga dhìon fhèin, thòisich am Prìomhaire, Gòrdan Brown a' sabaid air ais.

Dh' fheuch e ri fhaighinn seachad air an fhearg a bh' ann mu phlanaichean an Riaghaltais airson cur às dhan ìre deich sgillinn dhen chìs chosnaidh agus a' chonnspaid mu referendum air neo-eisimeileachd do dh' Alba.

Mar sin dheth, nochd an Seansailear, Alasdair Darling, ann an Taigh nan Cumantan Diciadain le plana gus taic a thoirt do dhaoine a chaill mar thoradh air an atharrachadh anns a' chìs chosnaidh, agus gus taic a thoirt don Phrìomhaire fhèin.

Suas £600

Ron an seo, bha Alasdair Darling air a ràdh nach b' urrainn dha am buidseat atharrachadh, ach b' e sin an dearbh rud a rinn e Diciadain.

'S e plana Mhgr Darling gun tèid an suim as urrainn do dhaoine chosnadh, gun cìsean a phàigheadh, suas £600 gu £6,035.

Ma bhòtas buill-phàrlamaid air a shon, thig e an gnìomh anns an t-Sultain, ach gheibh daoine a' bhuannachd a' dol air ais gu toiseach na bliadhna ionmhais.

Thuirt Mgr Darling gum biodh sin a' ciallachadh gum faigheadh 80% de na daoine a chaill mar thoradh air cur às do dh'ìre deich sgillinn, air ais gach sgillinn a chaill iad.

Ach cuideachd bidh e a' toirt buannachd luach £120 do gach duine a phàigheas a' chìs aig an ìre àbhaistich.

°Õò°ù²¹¾±»å³ó±ð²¹²Ô

Chaidh na planaichean a chàineadh le Seòras Osborne bho na °Õò°ù²¹¾±»å³ó±ð²¹²Ô, a thuirt gun robh sùil an Riaghaltais air fo-thaghadh Chrewe agus Nantwich is chan ann air maith a' mhòr-shluaigh.

Feumaidh an Riaghaltas £2.7m fhaighinn air iasad gus pàigheadh airson seo am bliadhna - agus dh'aidich Mgr Darling gum biodh mu 1.1m duine nas miosa dheth fhathast.

Ach, tha cùl-bheingearan Làbarach fada nas toilichte na bha iad.

Thàinig leisgeul fiù 's bho Frank Field, am ball as treasa an aghaidh a' Phrìomhaire air a' chìs deich sgillinn.

Nochd Mgr Field air Seirbheis Cruinne a' BhBC ag ràdh nach robh Mgr Brown toilichte na dhreuchd is gum bu chòir dha smaointinn air a leigeil dheth.

Bhruidhinn e cuideachd air droch nàdar Mhgr Brown is mar a b' àbhaist dha bhith ag èigheachd air daoine.

Ach ann an Taigh nan Cumantan Diciadain, thuirt Mgr Field gun robh e duilich mu dheidhinn na thuirt e, is mu cho pearsanta 's a bha e air a bhith.

Seachad?

Mhol e Mgr Darling airson stad a chur air a' chonnspaid, ach 's e a' cheist, a bheil e gu tur seachad?

Là as dèidh sin thug Mgr Brown òraid seachad mu phlanaichean an Riaghaltais airson na h-ath-bhliadhna.

Thuirt e gur e 'ionmhas theaghlaichean' a bhiodh aig cridhe an Riaghaltais anns an àm ri teachd.

Mhìnich e planaichean gus cuideachadh a thoirt do theaghlaichean a tha a' faighinn chuisean doirbh is na sporain aca cho gann.

An t-seachdain seo, tha Ceannard Banca Shasainn, Mervyn King, air a ràdh gu bheil na 'deich bliadhna furasta' seachad.

Ma tha seachdain doirbh do Ghòrdan Brown seachad, 's dòcha gu bheil deichead doirbh don eaconamaidh, agus mar sin dheth, do luchd-poileataics, dìreach a' tòiseachadh.

Ìý
Ìý
CEANGALAICHEAN IONADAIL
Abair plana - abair bùrach
09 An Cèitean, 2008 | Naidheachdan
Colbh Poilitigeach
24 An Giblean, 2008 | Naidheachdan
AN TUILLEADH
Ìý
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Ìý

About the Â鶹ԼÅÄ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý