Â鶹ԼÅÄ

Explore the Â鶹ԼÅÄ
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
OFF / DHETH
» Turn ON
Cuir AIR
»
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
°äà²Ô²¹¾±²Ô





Ìý
Ùraichte air: 02 An Cèitean, 2008 - Air fhoillseachadh aig 16:30 BST
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
A' coimhead air ais - is air adhart
Ìý
Pàrlamaid na h-Alba
Sgeulachdan bhon Phàrlamaid
Aig toiseach a' Chèitean bha daoine a' coimhead air ais agus adhart, air atharrachaidhean a thàinig agus, 's dòcha, a thig air saoghal poilitigs na dùthcha

As dèidh na stailc aig Ionad Giullachd Ola Inbhir Ghràinnse, ghabh an SNP cothrom gus beachdachadh air a' chiad bhliadhna bhon a fhuair Ailig Salmond na h-iuchraichean do Thaigh Bhòid.

Ged a bha Mgr Salmond ro thinn airson ceistean a fheagairt ann am Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo, tha na cunntasan beachd fhathast fallain don SNP. Agus tha na Làbaraich fhathast ga fhaighinn doirbh mar phàrtaidh dubhlanach.

Bho chionn bliadhna, cha b' urrainn don taghadh air a bhith na b' fhaisge. Bhuannaich na Nàisteantaich taghadh Pàrlamaid na h-Alba airson a' chiad uair a-riamh. Ach cha d'fhuair iad ach aon bhall-pàrlamaid a bharrachd air na fhuair am Pàrtaidh Làbarach.

Dh'fhàilich air na còmhraidhean leis na Libearalaich Dheamocratach gus riaghaltas co-bhanntachd a stèidheachadh seach nach robh iad deònach referendum a chumail air neo-eisimeileachd.

Agus gun mhòr-chuid airson na poileasaidhean aca a chur tron phàrlamaid, bha amharras air cuid nach màireadh an riaghaltas ùr. Ach a dh'aindeoin dhuilgheadasan a thaobh tramaichean ann an Dùn Èideann, àireamhan oifigearan poilis agus fiachan nan oileanach, tha iad ann fhathast.

Am measg nan rudan a bu chudromaiche don SNP anns a' bhliadhna a dh'fhalbh, b' e an t-aonta dhan tàining iad leis na h-ùghdarrasan ionadail gus a' chìs chomhairle a chumail aig an aon ìre, agus Iain Swinney a' faighinn taic gu leòr gus am buidseat aige a chur troimhe.

Latha nan taghaidhean

Nan robh an SNP a' comharrachadh na ciad bliadhna aca ann an cumhachd, bha daoine air feadh Bhreatainn a' beachdachadh air toraidhean nan taghaidhean ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh.

Dh'fhaodadh sibh faighneachd carson a bhiodh taghaidhean ionadail mu dheas cudromach dhuinn ann an Alba.

Ach dh'fhaodadh na taghaidhean sin innse dhuinn mu dheidhinn an ath thaghaidh choitchinn nuair a bhios sinn a' taghadh riaghaltais airson na Rìoghachd Aonaichte air fad.

As dèidh mar a dh'aidich Gòrdan Brown gun d'rinn e mearachdan air cur às do ìre dheich sgillin air a' chìs chosnaidh, agus mi-thoileachas am measg chùl-bheingearan mun ùine a tha ceadaichte airson daoine a tha fo amharas ceannairc a chumail an grèim a chur suas gu 6 seachdainnean, bhathar an dùil gur e latha doirbh a bhiodh ann do na Làbaraich.

Agus sin a thachair - an latha as duighle dhaibh ann an 40 bliadhna. Feasgar Dihaoine bha na Làbaraich air an cur don treas àite a thaobh earrann a' bhòt, air dheireadh air na Libearlaich Dheomocratach.

Chaill na Làbaraich mu 300 comhairliche agus chaill iad cumhachd air ùghdarrasan ionadail fiù 's anns na sgìrean dùthchail aca ann an Sasainn a Tuath agus anns a' Chuimrigh.

Bha gach sùil air Lunnain agus toraidhean na strì airson Mèar a' bhaile, eadar Ken Livingstone agus Boris Johnson, a thigeadh am follais na b' anmoiche oidhche h-Aoine.

"Droch Oidhche"

Dh'aidich Gòrdan Brown gur e droch oidhche a bha ann oidhche Ardaoin don pàrtaidh aige. Gheall e gun èisteadh e ri daoine agus gum biodh e a' stiùireadh chùisean a-rèir sin anns an àm ri teachd.

Thuirt Daibhidh Camshron, Ceannard nan Tòraidhean, gu bheil mar a bhot daoine a' sealltainn gun robh earbsa aig a' mhòr-shluagh anns a' phàrtaidh aigesan.

Ach dh'fhaodadh cùisean a' fàs na bu dhuilghe fhathast do Gòrdan Brown. As dèidh latha dona dhaibh anns na taghaidhean seo, tha eagal a' dol am meud a-measg chùl-bheingearan Làbarach gun cailleadh iad na seiteachan aca, mura tig adhartas air seasamh riaghaltais Mhgr Brown.

Mar sin dheth, cuiridh iadsan cuideam a bharrachd air a' Phrìomhaire san ùine romhainn gu ruige an ath thaghaidh choitchinn.

Ìý
Ìý
AN TUILLEADH
Ìý
Ìý
Post-d gu caraid Ìý Dreach clò-bhualaidh
Ìý

About the Â鶹ԼÅÄ | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ìý