10/09/1999
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 10
Duration: 05:30
Litir 10: Tòimhseachain
A bheil sibh a’ gabhail tlachd – mar a tha mise – bho thòimhseachain? Tha mi’n dòchas gu bheil, oir ’s e sin cuspair na litreach an t-seachdainn-sa. Bha mi a’ tadhal air duine is aithne dhomh ann an Geà rrloch turas, agus dh’innis e dhomh tòimhseachan a chòrd rium glan. ’S ann às a sgìre sin fhèin a bha e – à Ros an Iar. Co-dhiù, bha mi air dìochuimhneachadh mu dheidhinn gus an tà inig mi tarsainn air a-rithist, dìreach an t-seachdainn ’s a chaidh.
Bha mi ann an leabharlann, a’ toirt sùil air seann phà ipearan-naidheachd. Agus ann am fear aca, a bha còrr is sia fichead (120) bliadhna a dh’aois, leugh mi an dearbh thòimhseachan, an ìre mhath mar a chuala mi e. Aig deireadh na litreach, bheir mi dhuibh e, agus faodaidh sibh smaoineachadh air – mus toir mi am fuasgladh dhuibh an ath sheachdainn!
’S e tuiteamas a bh’ann gun do lorg mi an tòimhseachan sin, agus feadhainn eile a bha anns an dearbh cholbh anns a’ phà ipear-naidheachd. Bha mi a’ coimhead airson rudeigin gu tur eadar-dhealaichte. Ach sin mar a tha e – dhomhsa co-dhiù – nuair a choimheadas mi air seann phà ipearan-naidheachd. ’S dòcha nach lorg mi an rud a bha mi a’ sireadh, ach gheibh mi rudeigin air choreigin a chòrdas rium.
Bha na tòimhseachain anns an Inverness Courier, ann an colbh Beurla air an robh an tiotal “Nether-Lochaber”. Thug mi greis mus d’fhuair mi a-mach cò an t-ùghdar. ’S e ministear na h-eaglais a bh’ann – an t-Ollamh Urramach Alasdair Stiùbhart - agus bha e na shar-Ghà idheal, a-rèir choltais. Mhìnich e anns a’ cholbh aige mar a fhuair e an tòimhseachan a leanas.
Bha e na leas, feasgar a bha seo, a’ togail ùbhlan far craoibhe nuair a thà inig boireannach seachad. Le gà ire, thuirt i ris a’ mhinistear – nan toireadh esan ùbhlan dhi, gun innseadh ise dhasan tòimhseachan nach b’urrainn dha fuasgladh fhaighinn air a shon. ’S e duine còir spòrsail a bh’ann, agus thug e ùbhlan dhi. Agus ’s e seo na thuirt i:
Chunnaic fear gun sùilean ùbhlan air a’ chraoibh
Cha tug e ùbhlan dhith, ’s cha do dh’fhà g e ùbhlan oirre.
Canaidh mi sin a-rithist:
Chunnaic fear gun sùilean ùbhlan air a’ chraoibh
Cha tug e ùbhlan dhith, ’s cha do dh’fhà g e ùbhlan oirre.
Ciamar a dh’fhaodadh sin a bhith? Uill, ’s e seo am fuasgladh, agus chì sibh gur ann a’ cleas leis na faclan “sùilean” agus “ùbhlan” a bha i. Cha robh ach aon shùil aig an duine; bha e leth-shùileach. Mar sin ’s e fear gun “sùilean” a bh’ann, ged a bha fradharc aige. Agus cha robh air a’ chraoibh ach dà ùbhal. Thug e aon ubhal dhith; mar sin cha tug e “ùbhlan” dhith. Agus dh’fhà g e aon ubhal oirre; mar sin cha robh “ùbhlan” oirre - dìreach ubhal.
Aaa, uill, ’s dòcha gu robh i airidh air na h-ùbhlan. Chan ann tric a bhios fear neo tè a’ deanamh cleas air ministear! Co-dhiù, chan ann mi-thoilichte a bha Maighstir Stiùbhart. Thòisich a’ chùis deasbad air tòimhseachain Ghà idhlig air duilleagan an Inverness Courier, le mòran Ghà idheal a’ sgrìobhadh don ùghdar, ag innse dha tuilleadh thòimhseachan.
Agus tha sin gam thoirt air ais do thòimhseachan mo charaid ann an Geà rrloch. Agus seo e:
Chaidh biadh gu dithis
Aig ceann Loch Maruibh’.
Dh’ith am biadh an dithis,
’S chaidh am biadh dhachaigh a-rithist.
Seo e a-rithist:
Chaidh biadh gu dithis
Aig ceann Loch Maruibh’.
Dh’ith am biadh an dithis,
’S chaidh am biadh dhachaigh a-rithist.
Dè bh’ann anns a’ bhiadh, agus dè bh’ann anns an dithis?! Bheir mi am fuasgladh dhuibh an ath sheachdainn. Chun an uairsin, is mise, le meas….
Faclan na seachdainne
tlachd: pleasure; tòimseachan, tòimhseachain: riddle, riddles; cuspair: subject; a' tadhal: visiting; Geà rrloch: Gairloch; Ros an Iar: Wester Ross; gu tur: completely, entirely; a. sireadh: seeking; colbh: column; ùghdar: author; fuasgladh: solution; gà ire: laugh, smile; còir: decent, good; sporsail: sporting, fun-loving; lethshùileach: one-eyed; deasbad: debate; dh' ith: ate.
Abairtean na seachdainne
is aithne dhomh: I know, recognise; bha mi air dìochuimhneachadh mu dheidhinn: I had forgotten about it; 's e tuiteamas a bh'ann gu... it was by chance that ...; rudeigin air choreigin: something or other; an t-Ollamh Urramach Alasdair Stiùbhart: the Reverend Doctor Alexander Stewart (notice the order of the titles is the reverse of the English); gun sùilean: without eyes; cha tug e ùbhlan dhith: he did not take apples off her (craobh is feminine); cha do dh.fhà g e ùbhlan oirre: he did not leave apples on her; ciamar a dh'fhaodadh sin a bhith?: how could that be?; airidh air: deserving of; a' deanamh cleas air: playing a trick on.
Puing ghrĂ mair na seachdainne
Nuair a choimheadas mi: when I look. This "as" or "eas" ending on the verb is known as the Relative Future and is used in various ways eg after nuair (when), ma (if), ged a (although). Nuair a leigeas mi a' chraobh, cha bhi an leas cho dorch (when I fell the tree, the garden will not be so dark); ma bhios esan ann, chan fhuirich mi (if he is there, I won.t stay); ged a chanas e gu bheil e sgith, chan e an fhìrinn a th'aige (although he says he is tired, he is not speaking the truth). Note that this structure is only used in affirmative statements. If you are trying to make a negative statement,eg "although he will not be there..." a different structure is used. We will look at this in a later letter.
Tòimhseachan na seachdainne
The translation of the last riddle given is as follows: Food went to two at the head of Loch Maree, the food ate the two and the food went home again. With a little lateral thinking you should be able to work it out before I give the solution next week!
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.