05/11/1999
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 18
Duration: 04:27
Litir 18: Tibèt
“Am b’fheà rr leibh tì neo cofaidh?” Tha a’ cheist sin sìmplidh gu leòr, nach eil? Ach dè mu dheidhinn na ceist seo? “Am b’fheà rr leibh tì à bhaisteach neo tì Thibèatanach?” Uill, mura robh sibh a-riamh anns a Hiomà ileatha, neo ann an Tibèt fhèin,’s dòcha nach bi fios agaibh dè chanas sibh. Bheir mi comhairle dhuibh, ma tha. Gabhaibh an tì à bhaisteach!
Nise, feumaidh mi rà dh gu bheil spèis mhòr mhòr agam do na Tibèatanaich agus an cultar. A h-uile turas a bha mi cuide ri Tibèatanaich neo treubhan Hiomà ileathach aig a bheil cultar Tibèatanach, chòrd e rium glan. Tha na daoine laghach is modhail, ach là n spòrs is fealla-dhà cuideachd. Agus tha mòran dhen bhiadh aca glè mhath – rudan mar momos a chuireas iad ann am brot, agus rudan eile, car coltach ri sin, a tha iad a’ dèanamh le taois.
Ach chan eil mi cho cinnteach idir mu dheidhinn dà rud a tha iad ag ithe agus òl – tsampa agus tì, neo teatha. Thig mi gu tsampa aig deireadh na litreach, agus tuigidh sibh carson nuair a chluinneas sibh mo sgeul mu dheidhinn na tì.
Bha mi ann an taigh ann an dùthaich nan Sherpas, ann an Neapà l, nuair a ghabh mi tì Thibèatanach. ’S ann às Tibèt a thà inig na Sherpas bho thùs, agus tha mòran chleachdaidhean aca fhathast a tha dìreach mar a th’aig Tibèatanaich eile. Air an latha sin bha i cho fuar ris a’ phuinnsean, le sneachd anns a h-uile h-à ite, agus bha mi a’ coimhead air adhart ri rudeigin teth òl. Dh’fhaighnich fear an taighe dhiom, am bu toil leam cupa tì agus thuirt mi ris gum bu toil.
Thug am bodach a-mach nà dar de mhuidhe neo biota, soitheach à rd fiodha le maide na bhroinn. Chuir e ann am meadhan an t-seòmair e agus dhoirt e uisge goileach ann. Chuir e rud neo dhà eile ann agus, an uairsin, thòisich e air am maistreachadh. Bha e car coltach ri seann bhean air Ghà idhealtachd o chionn fhada a’ deanamh ìm.
Nuair a bha e deiseil, bhruidhinn am bodach rium ann an Nepali, cà nan nà iseanta Neapà il. “Cup chiya, Sahib?” dh’fhaighnich e – cupa tì?
“Ali ali maatra dinus,” arsa mise ris – dìreach rud beag – ged a bha lan-fhios agam gun lìonadh e an cupa mòr a bha ri mo thaobh.
Chuir mi an cupa ri mo bhilean agus dh’fheuch mi an tì. Uill, cha do dh’òl mi a leithid a-riamh roimhe, neo bhon uairsin nas mò’! Bha am blas, uill, eadar-dhealaichte! An à ite bainne ùr, bidh iad a’ cur seann ìm ann. Agus tha mi a’ ciallachadh seann ìm – air a dhèanamh le bainne bho yak a chaidh a bhleoghain greis mhath roimhe sin. Mar as breun an t-ìm, ’s ann as fheà rr, a-rèir choltais.
Agus cha b’e sin a-mhà in. Cuiridh iad ann, an à ite siùcar, salann. Canaidh mi dìreach nach robh e ro mhath. Thuirt mo charaid, ri mo thaobh, agus e a’ coimhead air m’aodann, “Na smaoinich air mar thì. Smaoinich air mar bhrot. Agus bidh modhail nuair a thilleas am bodach.”
“Deagh bhrot,” thuirt mi rium fhìn, “deagh bhrot.” (Ged nach robh mi ga chreids’). Agus nuair a thill am bodach, dh’fhaighnich e dhiom an robh e math. “Bha,” arsa mise ris gu breugach, “bha, gu dearbh.” Agus – lìon e an cupa a-rithist!
Agus tha sin gam thoirt don tsampa. ’S e a th’ann min-fhlùir eòrna air a ròstadh. Tha fà ileadh math air gun teagamh. Ach tha e ro thioram airson ithe, agus bithear ga mheasgachadh le – seadh – tì Thibèatanach. Cha chan mi an còrr.
Chun na h-ath sheachdainn, mar a chanas muinntir NeapĂ il, Namaste!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.