17/11/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 72
Duration: 05:09
Litir 72: Iain Major
A bheil cuimhne agaibh air Iain Major, neo John Major, mar a th鈥 ac鈥 air ann am Beurla? Tha fhios gu bheil. 鈥橲 e e fh猫in a thug iomradh ainmeil air na rudan a bu mh貌tha a ch貌rd ris. Seana-mhn脿than a鈥 raighdeadh baidsagalan air feasgar samhraidh, leann meadh-bhl脿th taobh a-muigh taigh-seinnse, agus criogad air an fheur. Dealbh snog do mh貌ran, ach tha fhios nach robh e a鈥 bruidhinn mu dheidhinn Na Hearadh!
Ach an robh fios agaibh gun tuirt Iain Major seo: O chionn 霉ine nach robh fada, bha a鈥 Gh脿idhlig air a bruidhinn leis a鈥 mh貌r-chuid againn. Seadh, Iain Major. Ach feumaidh mi a bhith onarach. Chan e an aon Iain Major a bh鈥 ann! Tha an darna fear na Shasannach agus bha e na Phr矛omhaire ann am Breatainn o chionn beagan bhliadhnaichean. Bha am fear eile na Albannach agus bha e be貌 o chionn c貌ig ceud bliadhna.
Ged is e 鈥淢ajor鈥 a chanas sinn ris an-diugh, thathar a鈥 smaoineachadh gur e 鈥淢air鈥 an sloinneadh a bh鈥 air ann am Beurla anns an sg矛re far an do thogadh e 鈥 Lodainn an Ear faisg air D霉n Eideann. Ach sgr矛obh e gu m貌r ann an Laidinn, agus anns a鈥 ch脿nan sin, 鈥檚 e 鈥淢ajorus鈥 a bh鈥 aige air fh猫in. 鈥橲 e an leabhar a b鈥 ainmeile a sgr矛obh e 鈥 Historia Majoris Britanniae. Tha sin a鈥 ciallachadh 鈥淓achdraidh Bhreatainn Mh貌ir鈥, ach tha cuid a鈥 cumail a-mach gu robh Major a鈥 gabhail sp貌rs leis na faclan, is a鈥 f脿gail smuain aig feadhainn gu robh am 鈥淢ajoris鈥 a鈥 seasamh air a shon fh猫in!
Bha Major air thoiseach air a鈥 chuid mh貌ir ann a bhith a鈥 cleachdadh nam faclan Great Britain neo Greater Britain, ceud bliadhna mus do chuir Righ Seumas VI sin mar thiotal air an r矛oghachd 霉ir aige, nuair a fhuair e cr霉n Shasainn.
Chaidh Iain Major gu sgoil ann an Haddington, agus chaidh e an uairsin gu Oilthigh Chambridge. Ann an ceithir cheud deug, ceithir fichead 鈥檚 a tr矛-deug (1493), chaidh e a dh鈥橭ilthigh Pharis far an do ghabh e ceum. 鈥橲 iad na cuspairean a bh鈥 aige 鈥 feallsanachd, diadhachd agus ealain-reusanachaidh, neo loidig.
Chuir e seachad bliadhnaichean mar 貌raidiche anns an Fhraing, ach thill e a dh鈥橝lba ann an c貌ig ceud deug 鈥檚 a h-ochd-deug (1518) mar Ard-ollamh na Feallsanachd is na Diadhachd ann an Oilthigh Ghlaschu. Roimhe sin bha e air a鈥 chuid mh貌r dhen leabhar aige, mu dheidhinn eachdraidh Bhreatainn, a sgr矛obhadh.
Tha beachdan Mhajor anns an leabhar gu math inntinneach. Bha e na bu bh脿idheile ri muinntir Shasainn na m貌ran eile de luchd-eachdraidh na h-Alba aig an 脿m. Agus bha e dhen bheachd gu robh an t-脿m ann an d脿 r矛oghachd, Alba agus Sasainn, a chur c貌mhla fon aon r矛gh neo b脿nrigh. Sgr矛obh e tric mu na 鈥淏reatannaich鈥 neo 鈥淏ritons鈥 aig 脿m nuair a bha daoine eile rudeigin leisg a thaobh a bhith a鈥 cur na Sasannaich is na h-Albannaich c貌mhla mar sin.
Agus bha beachdan air leth inntinneach aige mu dheidhinn muinntir na h-Alba fh猫in agus gu h-脿raidh mu dheidhinn nan Gaidheal. Mar a thuirt mi aig an toiseach, sgr矛obh e gu robh G脿idhlig air a bhith aig a鈥 mh貌r-chuid de mhuinntir na h-Alba goirid ro linn fh猫in. Agus dh矛on e am biadh 脿raidh a bh鈥 aig na h-Albannaich. 鈥淔aodaidh na Frangaich is na Sasannaich a bhith ri fanaid,鈥 sgr矛obh e,鈥漚ch tha sinne air batailean a bhuannachadh air an stuth seo鈥! D猫 am biadh a bh鈥 ann? Innsidh mi sin dhuibh an ath sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.