27/04/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 95
Duration: 04:46
Litir 95: Na h-Innsean, Pakistan agus Bangladesh
Tha mo smuaintean air na h-Innsean an t-seachdain seo, agus na d霉thchannan l脿imh riutha air gach taobh 鈥 Pakistan agus Bangladesh. Tha deagh adhbhar ann airson sin. Aig an 脿m seo, o chionn deich bliadhna fichead, th貌isich an cogadh a thug neo-eisimeileachd do Bhangladesh.
Goirid ro mheadhan-oidhche air a鈥 ch貌igeamh latha fichead dhen Mh脿rt, naoi ceud deug, tr矛 fichead 鈥檚 a h-aon-deug (1971), th貌isich saighdearan 脿 Pakistan an Iar, a bha suidhichte ann am pr矛omh bhaile Phakistan an Ear, Dhaka, air losgadh air a鈥 mh貌r-shluagh. Ged a thug e beagan mh矛osan, b鈥 e sin a鈥 mhadainn fhuilteach air an do rugadh Bangladesh mar dh霉thaich neo-eisimeileach.
鈥橲 iomadh latha fuilteach a bha anns na d霉thchannan sin thairis air an eachdraidh, agus feumaidh sinn aideachadh gu robh Gaidheil an s脿s ann an gu le貌r aca. Am measg an fheadhainn a b鈥 ainmeile a bha thall, a鈥 sabaid as leth Bhreatainn, bha Sir Eachann Rothach, duin-uasal Gaidhealach a bhuineadh do Ros an Ear. B鈥 esan am mac a bu shine aig Uisdean Rothach 脿 Taigh an Fhuamhair, faisg air Bail鈥 Eoghainn.
Ann an seachd ceud deug is tr矛 fichead (1760), dh鈥檉halbh e air ceann Reiseamaid nan G貌rdanach a dh鈥檌onnsaigh nan Innsean. C貌ig bliadhna as d猫idh sin, bha e aig ceann feachd Companaidh nan Innsean an Ear, a rinn an gnothach air arm m貌r Innseanach ann am batail ris an canar 鈥淏atail Bhuxar鈥. Tha feadhainn a鈥 cumail a-mach gum b鈥 e sin a鈥 bhuannachd a bu chudthromaiche a-riamh aig na Breatannaich anns na h-Innsean.
Rinneadh f猫ill mh貌r air Eachann nuair a thill e dhachaigh. Chaidh e an s脿s ann am poileataics, agus chaidh a thaghadh mar bhall-p脿rlamaid do 鈥淏hailtean Inbhir Nis.鈥 Ach cha robh e deiseil anns na h-Innsean. Thill e ann an seachd ceud deug, tr矛 fichead 鈥檚 a h-ochd-deug (1778) don cheann a deas, far an d鈥檉huair e ceannas air an arm ann am Madras. A-rithist, bha e soirbheachail ann am batail, a鈥 cur na Frangaich a-mach 脿 Pondicherry agus a鈥 gabhail baile Negapatnam thairis bho na Duitsich.
Nuair a thill e dhachaigh, chuir Eachann iomhaigh mh貌r chloiche an 脿irde air mullach cnuic faisg air Taigh an Fhuamhair. Tha i na mac-samhail air geatachan Negapatnam agus tha i fhathast ann an-diugh, is ann an deagh 貌rdugh, d脿 cheud bliadhna as d猫idh a togail.
Ach cha deach leis an Rothach anns a h-uile d貌igh anns na h-Innsean, agus bha e aig ceann feachd ann am batail eile, anns an do rinneadh call air na Breatannaich a bha cho dona ri gin thall an sin. Thachair sin aig Polilur, p矛os a-mach 脿 Madras, ann an seachd ceud deug is ceithir fichead (1780) nuair a bha d脿 fheachd Bhreatannach a鈥 feuchainn ris a鈥 ch霉is a dh猫anamh air arm Mhysore.
Bha ochd m矛le saighdear fo smachd Albannach eile, an Coirneal Baillie, agus chaidh am marbhadh gu l猫ir, ged a bha feachd an Rothaich d矛reach beagan mh矛ltean air falbh. Thuirt feadhainn gur i a鈥 Gh脿idhlig a bu choireach airson na thachair, leis gum b鈥 fhe脿rr le Eachann agus Baillie conaltradh ri ch猫ile anns a鈥 ch脿nan sin, agus gun do dh鈥檃dhbharaich sin m矛-thuigse eadar iad fh猫in is oifigearan eile. Tha e a cheart cho coltach, ge-t脿, gur e d矛th-mhapaichean agus d矛th-bhrathaidh a bu choireach.
Co-dhi霉, fhuair Eachann air ais a Mhadras, ged a chaill e m貌ran saighdearan air an rathad. Thill e a dh鈥橝lba agus dh鈥檉h脿g e aon rud eile mar dh矛leab dhuinn 鈥 an cleoc a tha fhathast anns an st矛opall ann am meadhan baile Inbhir Nis. 鈥橲 iomadh co-fhoghar dhen chleoc sin a chomharraich l脿ithean m貌ra thall 鈥檚 a-bhos. Nam measg bha neo-eisimeileachd Bhangladesh o chionn deich bliadhna fichead.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.