18/01/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 133
Duration: 04:43
Litir 133: Donnchadh BĂ n Mac an t-Saoir
Tha an eilid anns an fhrìth
Mar bu chòir dhi bhith
Far am faigh i millteach
Glan, feòirneanach.
A bheil fhios agaibh cò sgrìobh na faclan sin? Tha iad mu dheidhinn nà dair agus beanntan na h-Alba, agus bha iad air an sgrìobhadh le fear de na bà ird as ainmeile a bh’ againn – Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir. Seo iad a-rithist. ’S dòcha gum bi fios agaibh gu bheil eilid a’ ciallachadh “fiadh boireann”. Agus millteach – uill, ’s e sin seòrsa feòir a bhios a’ fàs air na beanntan.
Tha an eilid anns an fhrìth
Mar bu chòir dhi bhith
Far am faigh i millteach
Glan, feòirneanach.
Leugh mi na faclan sin an t-seachdain-sa ann an leabhar ùr mu dheidhinn tè de bheanntan na h-Alba. Chan i Bèinn Dòrain ann an Earra-Ghaidheal, a bha Donnchadh Bà n a’ moladh na bhà rdachd, ach tè fada gu tuath air a sin, tè de bheanntan Thoirbheartain ann an taobh siar Rois – Beinn Eighe. Ged is ann ann am Beurla a tha an leabhar, le Laughton MacIain agus Dick Balharry, tha criomag de bhà rdachd Ghà idhlig ann an siud ’s an seo agus is math sin.
Ach tha beagan dragh orm gur dòcha nach tuig an luchd-leughaidh gu lèir dè dìreach a tha an t-eadar-theangachadh a’ ciallachadh, oir seo mar a chaidh a chur ann am Beurla:
The hind is in the forest, as she ought to be, where she may have sweet grass, clean, fine-bladed. Tha a h-uile cà il sin ceart gu leòr ach, ’s dòcha aon rud. ’S e sin gu bheilear ag eadar-theangachadh an fhacail “frìth” mar “forest”.
Tuigidh mi carson, oir ’s e sin an t-eadar-theangachadh as trice a nochdas airson frìth, ach le “deer” ann roimhe – deer forest. Tha pà irt dhen leabhar, ge-tà , mu dheidhinn na coille aig bonn Beinn Eighe ris an canar Coille na Glas Leitir agus tha amharas agam gum bi cuid, a leughas an leabhar agus nach eil fiosraichte mu dheidhinn na Gaidhealtachd, dhen bheachd gu robh Donnchadh Bà n a-mach air à ite anns an robh craobhan. Seo na chanas faclair Chox, “Brìgh nam Facal”, airson “frìth”: à ite air a’ mhòintich no air na beanntan far am bi fèidh a’ fuireach agus a’ biathadh. Chan eil guth aige air craobhan. Chan eil “forest” anns an t-suidheachadh seo ann am Beurla a’ ciallachadh à ite le craobhan, ach tha amharas agam gum bi mòran ann aig nach eil fios air a sin.
Co-dhiù, tha an leabhar fhèin glè inntinneach. Tha e mu dheidhinn mar a chaidh a’ chiad thèarmann nà dair nà iseanta ann am Breatainn a stèidheachadh air Beinn Eighe o chionn leth-cheud bliadhna. Ged is e beinn is mòinteach a tha anns a’ mhòr-chuid dhen tèarmann, ’s ann gu h-à raidh airson coille a dhìon a chaidh a chomharrachadh. Bhathar dhen bheachd gu robh Coille na Glas Leitir, coille-ghiuthais nà darrach de sheòrsa a tha gu math gann an-diugh, cho prìseil ’s gu robh feum ann a sà bhaladh agus a dìon an aghaidh, am measg eile, èildean dhen t-seòrsa air an robh Donnchadh Bà n a-mach na chuid bhà rdachd.
An-diugh, tha a’ choille a’ sgaoileadh mean air mhean, agus ’s e deagh rud a tha sin. Tha i a’ cur ri bòidhchead na sgìre. Gu h-oifigeil, ’s e Tèarmann Nà dair Nà iseanta Beinn Eighe a th’ air an à ite an-diugh. Ach gu h-eachdraidheil, agus don fheadhainn aig a bheil Gà idhlig a tha a’ fuireach anns an sgìre timcheall baile beag Cheann Loch Iù, ’s e a bh’ ann, agus a th’ ann – Frìth Cheann Loch Iù. Àite math airson èildean a bhios ag ithe millteach nam beann – fhad ’s nach eil cus dhiubh ann.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine: Tha criomag de bhà rdachd Ghà idhlig ann an siud ’s an seo: there is a fragment of Gaelic poetry here and there. An siud ’s an seo : here and there (lit. yonder and here).
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.