15/03/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 141
Duration: 04:51
Litir 141: Anna Nic an Tòisich agus Anna Nic an Tòisich
Cha robh cùisean furasta do bhoireannaich air a’ Ghaidhealtachd anns an ochdamh linn deug. Bha aca ri obair mhòr a dhèanamh, a-muigh agus fo chabair, agus bhiodh na fir a’ sùileachadh gum biodh prìomhachas acasan ann am mòran ghnothaichean, gu h-à raidh ann am poileataics. Ach, uaireannan, cha ghabhadh am mnà than ris a sin
Bha dithis air an robh “Anna” mar ainm-baistidh timcheall Inbhir Nis a thog cliù dhaibh fhèin aig à m Cogadh nan Seumasach. Tha an dà rna tè ainmeil fhathast ach chan eil an t’ eile.
Bha Anna Nic an Tòisich na bhean-uasal agus bha i gu math bòidheach. Bha i pòsta aig Aonghas Mac an Tòisich, ceann a’ chinnidh, aig an robh taigh mòr anns a’ Mhòigh, deas air Inbhir Nis. Ach cha robh i fhèin is an duine aice idir a’ tarraing air an aon rà mh a thaobh poileataics. Fhad ’s a bha esan air falbh anns an arm, a’ sabaid as leth an Rìgh, bha a bhean a’ cur fà ilte air Teà rlach Òg. Oir bha i na Seumasach!
Là a bha seo, bha am Prionnsa ann an cuideachd Anna anns a’ Mhòigh, agus chuala feachd riaghaltais mu dheidhinn. Chaidh buidheann de shaighdearan dearga a dh’ionnsaigh an à ite, ach chaidh fios a chur gu Anna agus chuir i gobha, Dòmhnall Friseal, agus ceathrar shearbhantan aice a-mach airson a bhith ri faire.
Ach rinn iad barrachd na sin. Nuair a bha na saighdearan a’ tighinn dlùth, dh’iarr Dòmhnall air a chompanaich, a bha sgapte air feadh a’ mhonaidh, an gunnaichean a losgadh, fhad ’s a bha esan ag èigheachd mar gu robh e aig ceann feachd mhòir. Smaoinich na Hanoibhèirianaich gu robh arm ann agus theich iad a dh’Inbhir Nis!
Aig an à m sin, bha Anna eile ann an Inbhir Nis, Anna NicAoidh, a dhearbh gu robh i fhèin na Seumasach là idir as dèidh Blà r Chuil Lodair. Bha seilear fon taigh aice, a chaidh a chleachdadh mar phrìosan airson dithis shaighdearan a bh’ air a bhith ann an arm a’ Phrionnsa. Rinneadh plana airson fear dhiubh a shaoradh agus ghabh Anna pà irt ann.
Tharraing i fear de na freiceadanan air falbh o dhoras a’ phrìosain – ’s dòcha le bhith a’ cleachdadh a bòidhchead, ma tha sibh gam thuigs’ – agus fhuair am prìosanach air falbh. Bha fear de dh’à rd-oifigearan an airm, an Coirneal Leighton, feargach agus dh’òrdaich e do na saighdearan aige Anna a thoirt thuige. Thòisich e air a ceasnachadh ach cha deach gu math leis, oir bha Anna às an Eilean Sgitheanach bho thùs agus cha robh facal Beurla aice. Bha uiread de Ghà idhlig ann an Inbhir Nis anns na là ithean ud, ’s nach robh feum air a bhith aice a’ Bheurla ionnsachadh.
Dh’iarr Leighton air bà illidh às a’ bhaile, fear Friseal, eadar-theangachadh a dhèanamh agus dh’fheuch e a h-uile dòigh a b’ urrainn airson faighinn a-mach cò an fheadhainn a bh’ air cùl a’ phlana airson am prìosanach a shaoradh, ach chan innseadh i cà il dha. Dh’fheuch e ri airgead a thabhann dhi ach cha deach leis. Thugadh deoch là idir dhi, ach cha do dh’obraich sin. Chum iad air a cois i airson trì là sreath chèile agus chuir iad anns a’ phrìosan i airson seachd seachdainean. Ach bha i treun is smiorail agus chum i sà mhach.
Mu dheireadh bha Leighton airson Anna a thilgeil a-mach às a’ bhaile ach dh’iarr am Pròbhost air a leigeil ma sgaoil. ’S e sin a thachair ach cha robh e gun chall don bhana-ghaisgich. As dèidh dhi faighinn a-mach às a’ phrìosan, rinn buidheann de shaighdearan dochann air a’ ghille aice, a bha na dheugaire. Agus trì là as dèidh sin, chaochail e.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine: a-muigh agus fo chabair: outside and inside. Fo chabair literally means “under rafters” ie indoors.
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.