29/03/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 143
Duration: 04:29
Litir 143: Iomain agus golf
Halo a-rithist. Tha mi a-mach an-diugh air spòrs. An urrainn dhuibh ainm a chur ri trì dhiubh a bhuineas, bho thùs, do dh’Alba? Uill, ’s dòcha gum bi sin nas fhasa fhreagairt an-drà sta leis gu bheil fear aca air aire dhaoine gu mòr. Tha mi a’ bruidhinn air curladh. ’S iad an fheadhainn eile a bhuineas do dh’Alba – iomain agus golf.
Bidh fios agaibh, tha mi cinnteach, gur e sgioba de bhoireannaich Albannach a bhuannaich bonn òir a’ churlaidh do Bhreatainn aig na Geamannan Oilimpigeach o chionn ghoirid. Tha e coltach gu robh mòran ann an Sasainn gu tur aineolach mun gheam ach chan ionann sin ann an Alba, far an deach a chruthachadh o chionn ceudan bhliadhnaichean.
Co-dhiù ’s ann ann an Alba a chaidh a’ chiad aithris a dhèanamh ann an sgrìobhadh – co-cheangailte ri Abaid Phà islig ann an còig deug, ceathrad ’s a h-aon (1541). Ach tha feadhainn ag rà dh gur dòcha gun do thòisich e anns an Òlaind no ann am Flà nras, oir rinn am fear-deilbh, Pieter Bruegel, dà dhealbh ann an còig ceud, seasgad ’s a còig (1565) de dhaoine a’ cluich le clachan air deigh. Agus tha e a’ coimhead coltach gur ann à Fleamais a thà inig am facal Beurla “bonspiel” a tha a’ ciallachadh “geama curlaidh”.
Ach an e curladh a tha anns na dealbhan? Tha cuid dhen bheachd gur e geam eile a th’ ann – fear a thòisich ann am Baibhèiria agus an Ostair – ris an canar “eischiessen”, anns a bheil maide a’ stobadh gu dìreach a-mach às a’ chloich. Co-dhiù, ge bith cò thòisich curladh, ’s iad na h-Albannaich a thug cruth agus spionnadh dha. Agus tha mòran dhen bheachd gu bheil e iomchaidh gu bheil am bonn òir aig Geamannan Oilimpigeach a’ Gheamhraidh air tighinn “dhachaigh”.
Leudaich an spòrs aig à m nuair a bha na geamhraidhean na b’ fhuaire na tha iad an-diugh, agus nuair a bha e fada na b’ fhasa do dhaoine loch reòite a lorg. ’S ann anns na sgìrean dùthchail a bu mhò a bhiodh daoine a’ cluich curladh agus, ann an aimsir reòite aig an à m sin, cha robh mòran eile a b’ urrainn dhaibh dhèanamh ach cumail blà th ann an dòigh air choreigin! Gu h-iongantach, bha iad cho measail air an spòrs ann an cuid de dh’à iteachan ’s gum biodh iad a’ falbh a-mach a chluich air an oidhche, agus a’ cleachdadh lòchrain, no lampaichean no, uaireannan, solas lòchran nam bochd. ’S e sin a’ ghealach.
Ma ’s e Alba a thug curladh don t-saoghal, agus tha e a-nise air a chluich ann an co-dhiù fichead dùthaich eadar an t-Suain agus New Zealand, ’s iad na Cainèidianaich as mò a dh’fhàs measail air. Tha suas ri millean duine ri curladh ann an Canada, barrachd na triùir às gach ceathrar a chluicheas an geam air feadh an t-saoghail. Chuir Alba sgioba a dh’ionnsaigh Chanada agus nan Stà itean Aonaichte ann an naoi deug ’s a dhà (1902) airson a’ chiad turais, agus mhothaich iad gu robh na Cainèidianaich is Aimeireaganaich math math air a’ gheam. Agus thachair rud ùr dhaibh, oir b’ e sin a’ chiad turas a bha gin dhen sgioba Albannach air curladh a chluich fo chabair.
Tha gnothaichean air atharrachadh ann an Alba bhon uairsin agus, ged nach eil uiread de chluicheadairean anns an dùthaich seo ’s a th’ ann an Canada, agus ged nach eil na goireasan trèanaidh againn cho math nas mò, sheall na boireannaich Albannach gu robh iad fhathast comasach air sgioba a chur ri chèile a dhèanadh a’ chùis anns an fharpais as mò air an t-saoghal.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine: a’ cleachdadh solas lòchran nam bochd: using the light of the lantern of the poor people, ie the light of the moon (for which you don’t need to pay).
* “Litir do Luchd-Ionnsachaidh” is funded by Comataidh Craolaidh Gà idhlig
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.