26/07/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 160
Duration: 04:43
Litir 160: Eilean Dubh
Bha mi aig fuaran anns an Eilean Dubh uaireigin, fuaran a tha p矛os beag air falbh on rathad, ach a bha uaireigin ainmeil air feadh na sg矛re. Nuair a r脿inig mi e, chunnaic mi li霉dhag bheag ri thaobh, le rudan ceangailte rithe. Tha e coltach gu robh cuideigin air a cur ann a dh鈥檃ona-ghnothach. 鈥橲 d貌cha gu robh iad a鈥 creidsinn, mar a bha m貌ran o shean, gun tigeadh leigheas air an duine a bh鈥 air a riochdachadh leis an li霉dhaig nan robh e tinn. No an robh creideamh na bu doilleire co-cheangailte rithe?
O shean bha cleachdadh ann, anns am biodh daoine a鈥 d猫anamh corp cr猫adha, 鈥檚 e sin n脿dar de li霉dhag a bh鈥 air a d猫anamh le cr猫adh. Bha an corp a鈥 riochdachadh cuideigin. Bhiodh daoine le droch r霉n a鈥 stobadh pr矛nichean a-steach don chorp agus bheireadh sin droch shl脿inte don duine a bha an corp a鈥 riochdachadh. Bhathar a鈥 creidsinn gum b鈥 urrainn cuideigin a mharbhadh anns an d貌igh sin. 鈥橲 ann tric a bhiodh corp cr猫adha air fh脿gail ann an allt, agus tha uillt fhathast ann air a bheil Allt nan Corp mar ainm air sg脿th sin.
Tha sgeulachd agam mu dheidhinn cleachdadh a鈥 chuirp chr猫adha anns an eilean far an robh sinn an t-seachdain sa chaidh 鈥 Di霉ra. Bha fear ann uaireigin, Caimbeulach a bha na bh脿illidh don eilean, ged a bha e a鈥 fuireach air t矛r-m貌r. Chanadh daoine 鈥渁m b脿illidh m貌r鈥 ris. Nuair a th脿inig e air t矛r turas ann an Di霉ra, thachair ban-fhiosaiche ris agus thug i rabhadh dha. Dh鈥檉heumadh e dhol don Chnoc Chrom cho luath 鈥檚 a b鈥 urrainn dha, oir bha cuideigin ann a sin ag obair na aghaidh le corp cr猫adha. Thuirt i ris d猫anamh air a鈥 chiad sholas a chitheadh e nuair a ruigeadh an Cnoc Crom.
Dh鈥檉halbh am b脿illidh agus fear-taic aige na chois. Ach, nuair a fhuair iad faisg air a鈥 Chnoc Chrom, th貌isich casan a鈥 bh脿illidh air f脿s fann. As d猫idh greis, cha b鈥 urrainn dha coiseachd, agus b鈥 fheudar don duine eile a ghiulain air a dhruim. Ach dh鈥檉has e na bu mhiosa agus bha eagal air an duine eile gu robh am b脿illidh a鈥 dol a bh脿sachadh.
鈥淐ha d猫an seo feum,鈥 thuirt e, agus chuir e am b脿illidh s矛os air leac faisg air a鈥 Chnoc Chrom. Ruith e a dh鈥檌onnsaigh nan taighean agus chaidh e don fhear a b鈥 fhaisge, anns an robh solas. Choimhead e a-steach agus chunnaic e tri霉ir bhoireannach, is t猫 aca a鈥 cur pr矛nichean a-steach do chorp cr猫adha. Dh鈥櫭╥gh an duine rudeigin 鈥 innsidh mi dhuibh ann an tiotan d猫 bh鈥 ann 鈥 agus thuig na boireannaich gu robh an taigh na theine. Ruith iad a-mach airson an s脿bhaladh fh猫in agus, aig an aon 脿m, ruith an duine a-steach. Thilg e an corp cr猫adha air an l脿r agus phronn e fo chois e gus nach robh c脿il air fh脿gail dheth. Agus nuair a thill e don bh脿illidh mh貌r, bha am fear eile air 猫irigh bhon lic far an robh e. Bha e sl脿n fallain a-rithist.
Agus d猫 dh鈥櫭╥gh an duine? Uill, a reir beul-aithris ann an Di霉ra, dh鈥櫭╥gh e, 鈥渢aigh na galla, taigh ri theine!鈥 Dh鈥檉haodadh tu sin a ghabhail ann an d脿 dh貌igh gu dearbh, is chan eil t猫 seach t猫 dhiubh uabhasach modhail, ach thathar a鈥 cumail a-mach gur e 鈥淭aigh na Galla鈥 a chanadh muinntir an 脿ite ris an taigh sin airson 霉ine mh貌ir as d猫idh l脿imh! No 鈥檚 d貌cha gu robh an sgeulaiche ri beagan sp貌rs leis an fhear a chruinnich an sgeulachd, is a chuir air p脿ipear i. B鈥 esan an t-Urramach Te脿rlach Robasdan.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.