
21/03/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 194
Duration: 04:36
Litir 194: Mairsili Cheanadach-Fhriseal
Ann an naoi-deug ’s a seachd (1907), chruinnich Mairsili Cheanadach-Fhriseal grunn òran ann am bùth Mhìcheil MhicNìll air cidhe Bhagh a’ Chaisteil ann am Barraigh. Am measg sin, bha ‘Latha dhomh am Beinn a’ Cheathaich’ air an do chuir i an t-ainm ‘Kishmul’s Galley’. Fhuair i am fonn an uair sin co-dhiù. ’S ann sa bhliadhna as dèidh sin, nuair a thill i a Bharraigh, a fhuair i na faclan bho Anna NicIain, tidsear anns an eilean.
Bha e follaiseach dhi, ge-tà, nan robh i a’ dol a leantainn le bhith a’ cruinneachadh òrain Ghàidhlig, gum biodh cruaidh fheum aice air neach-deasachaidh. Mhol an t-Ollamh MacFhiongain, Proifeasair na Ceiltis ann an Oilthigh Dhùn Eideann, an t-Urramach Coinneach MacLeòid, a rugadh is a thogadh ann an Eige, dhi, agus dh’aontaich Mgr MacLeòid a cuideachadh.
Thòisich iad ann an naoi deug ’s a h-ochd (1908) nuair a chuir Marsaili faclan ga ionnsaigh a chruinnich i aig a’ chèilidh ann am Bàgh a’ Chaisteil. Bha Mgr MacLeòid gu math eòlach air a’ chànan agus air a’ chultar bho làithean òige ann an Eige. Bha stòras iongantach de bheul-aithris aig piuthar athar, Seònaid NicLeòid, às an Eilean Sgitheanach. Agus ’s ann airsan a bha an t-uallach dèanamh cinnteach gu robh na faclan ceart.
Ach rinn e fad a bharrachd na sin. Bhiodh e a’ sgrìobhadh òrain, no pàirtean de dh’òrain. Bhiodh e ag eadar-theangachadh òrain eileanach bho Ghàidhlig gu Beurla, ged is i Marsaili a chuireadh an dreach mu dheireadh orra. Chuir iad ri chèile cruinneachadh mòr de a leithid “Sea Sorrow”, “Heartling of my Heart”, “The Birlinn of the White Shoulders” agus “The Harris Love Lament”. Uaireannan bhiodh an t-eadar-theangachadh gu math faisg air na bh’ ann bho thùs. Uaireannan cha bhiodh iad coltach ri chèile idir.
Agus thachair eadar-theangachadh air an rathad eile cuideachd. Mar eisimpleir, chuala Marsaili òran aig seann bhoireannach ann am Beinn a’ Bhaoghla. Faisg air an taigh aice, air a’ mhachair, thòisich triall bainnse là eile, agus thàinig fonn an òrain air ais do Mharsaili. Sgrìobh i faclan Beurla as ùr dha, mu dheidhinn na chunnaic i – agus chuir i an tiotal air “Benbecula Bridal”. ’S ann as dèidh sin, a chruthaich Coinneach MacLeòid òran, leis an aon fhonn, agus air an dearbh chuspair – “An Triall Bainnse”.
’S dòcha gur e an t-òran as ainmeile a rinn Coinneach MacLeòid – “Road to the Isles”. Bha e fhèin is Marsaili anns an taigh aice ann an naoi deug ’s a còig-deug (1915) turas, cuide ri Calum MacIain à Barraigh. Chluich Calum port dhaibh air fheadan – a bha e air ionnsachadh bho cheàrd anns an eilean aige. Dh’ iarr Marsaili air a’ mhinistear faclan a chur ris airson nam balach Albannach a bha a’ sabaid anns an Fhraing agus nochd “Road to the Isles” goirid as dèidh sin.
Ged a dh’obraich iad gu dlùth ri chèile air tìr-mòr, far an robh Mgr MacLeòid na mhinistear mus robh e ann an Giogha, chaidh faisg air fichead bliadhna seachad mus deach iad a-mach gu na h-Eileanan Siar còmhla. Cha robh an uair sin ach trì bliadhna air fhàgail aig Marsaili, oir chaochail i ann an naoi-deug is deich ar fhichead (1930).
A’ coimhead air ais air a beatha an-diugh, faodaidh sinn faighneachd - dè an rud a bu luachmhoir’ a rinn i – na h-òrain a dh’ath-chruthaich i fhèin is Coinneach MacLeòid, na clàran de mhuinntir nan eilean a’ seinn, a chaidh a ghlèidheadh le Sgoil Eòlais na h-Alba, no an t-sanasachd a rinn i don t-saoghal mhòr de chultar na Gaidhealtachd? Bidh a bheachd fhèin aig gach Gaidheal air a sin.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.