25/04/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 199
Duration: 05:04
Litir 199: Ceithir bric dheug
Chan eil fhios agam cia mheud agaibh a tha nan iasgairean ach tha ceist agam dhuibh co-cheangailte ri iasgach. Ciamar a chanadh sibh ann an Gà idhlig “fourteen trout”? Smaoinichibh mu dheidhinn airson tiotan. Fourteen trout. ’S e a’ Ghà idhlig a th’ air “trout” – singilte – breac.
Thairis air a’ cheala-deug a dh’fhalbh, thug mi sùil air puingean a thog mi à faclair Gà idhlig ùr le Cailean Mark. An t-seachdain seo tha mi airson suathadh air cuspair ris a bheil Cailean a’ dèiligeadh gu math aig deireadh fhaclair far a bheil e a’ toirt sùil air grà mair is rudan eile – cunntadh.
An tug mi ùine gu leòr dhuibh airson na ceist a chuir mi oirbh? Dè a’ Ghà idhlig a th’ air “fourteen trout”? Uill, ’s e a th’ ann ceithir bric dheug. An d’ fhuair sibh sin? Bu mhath leam an suidheachadh a mhìneachadh oir tha eagal orm gun tuirt cuid agaibh ’s dòcha ceithir breac deug no ceithir breacan deug no ceithir bric deug, an à ite ceithir bric dheug mar bu chòir.
Anns a’ chiad dol a-mach, ma tha fios agaibh gur e a’ Ghà idhlig a th’ air “trout” breac, ach mura h-eil fios agaibh dè chanas sibh airson trì no ceithir dhiubh, feumaidh sibh coimhead ann am faclair. Seo na chanas Cailean fhèin anns an fhaclair aige: “breac, bric, bric, ainmear fireann, trout: cho fallain ri breac: as healthy as a trout.” Is toigh leam an samhladh sin. Ma chanas cuideigin riut “Ciamar a tha thu?”, faodaidh tu rà dh, “tha cho fallain ri breac.”
Tha an treas facal anns an t-sreath – bric – ag innse dhuinn de chanas sinn airson trout plural. Airson ten trout, canaidh sinn deich bric. Airson eleven trout, canaidh sinn aona bhreac deug no aon bhreac deug. Nise carson is e deug an seo, an à ite dheug? Uill, tha deug ag obair anns an aon dòigh ’s a tha buadhair no adjective. Nan biodh buadhair air a shèimheachadh, bidh deug air a shèimheachadh. Mura bitheadh am buadhair air a shèimheachadh, cha bhi deug air a shèimheachadh.
Tha breac fireann. Canaidh sinn breac beag no breac mòr. Mar sin ’s e deug a chanas sinn an à ite dheug. Aona bhreac deug. Tha breac air a shèimheachadh as dèidh aon ach chan eil deug air a shèimheachadh idir. Le facal boireann mar uinneag, ge-tà , chanamaid aon uinneag dheug.
Le dà -dheug, tha deug an-còmhnaidh air a shèimheachadh le faclan fireann agus boireann. Mar sin, canaidh sinn dà chù dheug agus dà eaglais dheug. Agus, airson twelve trout – dà bhreac dheug.
Agus le trì-deug, feumaidh sinn smaoineachadh air na thachras do bhuadhair as dèidh “bric”. Canaidh sinn bric mhòra agus bric bheaga, nach can? Air an aon dòigh, canaidh sinn bodaich mhòra, balaich mhòra, is Sgitheanaich mhòra. Tha am buadhair air a shèimheachadh le ainmear a th’ air a dhèanamh iolra le caolachadh. Gheibh sibh mìneachadh air seo ann am Beurla anns na notaichean grà mair.
Mar sin, le bric, bidh deug air a shèimheachadh. Canaidh sinn trì bric dheug. Agus mar a thuirt mi na bu trà ithe airson fourteen trout – ceithir bric dheug. Dè a’ Ghà idhlig, ma-thà , a th’ air nineteen women no seventeen Scotsmen? Innsidh mi dhuibh an ath-sheachdain. Agus tha ceist eile agam dhuibh. Dè a’ Ghà idhlig a th’ air hour is a bheil e boireann no fireann? Agus ciamar a chanas sinn “eleven o’ clock” is carson? Bithibh faiceallach! Agus coinnichidh sinn a-rithist an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine: cho fallain ri breac: as healthy as a trout. This simile might be used as a Gaelic equivalent of “as fit as a fiddle”. Another Gaelic equivalent is cho fallain ri fiadh (as healthy as a deer).
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.