25/07/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 212
Duration: 05:02
Litir 212: Iain MacFhearchair, no MacCodrum
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun bh脿rd Uibhisteach, Iain MacCodrum, no Iain MacFhearchair, a bha f矛or mhath air cluich le cainnt. Tha e coltach gu robh e air turas turas, ma dh鈥檉haodas mi sin a r脿dh, agus chaidh an soitheach air an robh e 鈥 鈥檚 e r脿mhach a bh鈥 ann 鈥 a-steach a Thobar Mhoire ann am Muile.
Th脿inig sluagh m貌r don chladach airson faighinn a-mach c貌 脿s a bha iad air tighinn. 鈥淐貌 脿s a thug sibh an t-iomradh?鈥 dh鈥檉haighnich fear aca. 鈥溍s ar g脿irdeanan,鈥 fhreagair MacFhearchair sa bhad.
Mar a shaoileadh sibh, cha robh an sluagh riaraichte le freagairt mar sin. Dh鈥檉haighnich cuideigin eile, 鈥渁n ann bho thuath a th脿inig sibh?鈥 Agus gun d脿il fhreagair am b脿rd, 鈥減脿irt bho thuath agus p脿irt bho thighearnan.鈥 Tha mi cinnteach gur e fear gu math draghail a bh鈥 ann aig 脿mannan!
Bhiodh e a鈥 cluich le fuaimean cuideachd agus bidh sibh mothachail gu bheil na fuaimean 鈥渁oi鈥 agus 鈥渦i鈥 faisg air a ch猫ile. Feumaidh neach-ionnsachaidh a bhith faiceallach gun can e 鈥渁oighean鈥, a鈥 ciallachadh 鈥済uests鈥, gu ceart is nach bi neach eile a鈥 smaoineachadh gu bheil e ag r脿dh 鈥渦ighean鈥 a tha a鈥 ciallachadh 鈥渆ggs鈥.
Dh鈥檌nnis mi dhuibh an t-seachdain sa chaidh gu robh e be貌 aig an aon 脿m ri Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, b脿rd cho ainmeil 鈥檚 a bh鈥 againn ann an saoghal na G脿idhlig. Chuala Mac Mhaighstir Alasdair mu dheidhinn agus chaidh e a ch猫ilidh air.
Dhl霉thaich e ris an taigh aige agus bha duine taobh a-muigh an dorais. 鈥橲 e MacFhearchair, no MacCodrum, a bh鈥 ann, ach cha do dh鈥檃ithnich Mac Mhaighstir Alasdair e, oir cha robh e air fhaicinn roimhe. 鈥淎n aithne dhut Iain MacCodrum?鈥 dh鈥檉haighnich e. 鈥溾橲 aithne gu ro mhath,鈥 fhreagair am fear aig an doras.
鈥淎 bheil fios agad a bheil e a-staigh?鈥 dh鈥檉haighnich Mac Mhaighstir Alasdair. 鈥淢a t脿,鈥 fhreagair am fear eile, 鈥渂ha e a-staigh nuair a bha mise, 鈥檚 cha do rinn mi ach tighinn a-mach.鈥 Cha do thuig Mac Mhaighstir Alasdair fhathast gu robh e a鈥 bruidhinn ris a鈥 bh脿rd fh猫in.
鈥淐aithidh mi an oidhche nochd mar ris, mas 脿bhaist aoighean a bhith aige,鈥 thuirt e. 鈥淭ha mi a鈥 creidsinn,鈥 fhreagair Iain, 鈥渘ach bi e falamh dhiubh sin cuideachd mu bhios na cearcan a鈥 breith.鈥
Gu m矛-fhortanach, chan eil an aithris air a鈥 ch貌mhradh ag innse dhuinn gu d猫 thachair nuair a fhuair Mac Mhaighstir Alasdair a-mach gum b鈥 e am fear eile Iain MacCodrum. Saoilidh mi gum biodh e gu math toilichte co-dhi霉 霉ine a chur seachad c貌mhla ri fear a bha cho sgileil le cainnt.
Is tha sin gam thoirt gu naidheachd eile mu dhuine ann an Cinn T矛re aig an robh sgil de a leithid cuideachd. 鈥橲 e breabadair a bh鈥 ann, bha e bochd agus bha teaghlach m貌r aige. Turas a bha seo, bha cl脿rsairean is b脿ird Eireannach air an rathad dhachaigh a dh鈥橢irinn as d猫idh dhaibh tadhal air uaislean na sg矛re. Ach dh鈥檉h脿g fear de na b脿ird a chochall air a ch霉laibh 鈥 b鈥 e sin an rud a chuireadh e air mar chomharra gu robh e na bh脿rd.
Agus fhuair am breabadair greim air. Shaoileadh e gun d猫anadh e airgead na b鈥 fhe脿rr mar bh脿rd na dh猫anadh e mar bhreabadair, agus dh鈥檉halbh e leis a鈥 chochall air. R脿inig e taigh m貌r ach chunnaic am b脿rd Eireannach e, oir bha e air tilleadh a choimhead airson a chochaill. Thug e d霉bhlan don bhreabadair. 鈥淎m b脿rd thu?鈥
Agus fhreagair am breabadair, 鈥渃ha b鈥 脿rd no 矛osal mi, a dhuine.鈥 C貌 chanadh nach robh e airidh air a鈥 chochall?!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.