31/10/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 226
Duration: 05:10
Litir 226: Andaidh MacCuimein
Chaidh mi a choimhead air uaigh o chionn ghoirid, ann an cladh a-muigh air an d霉thaich faisg air Inbhir Nis. Bha mi air taobh an iar na d霉thcha nuair a chaochail am fear a bh鈥 air 霉r-thiodhlacadh ann 鈥 fear a b鈥 aithne dhomh a bhuineadh do Shrath Narann. Bha e貌las air leth aige air eachdraidh agus dualchas na sg矛re. 鈥橲 e an t-ainm a bh鈥 air Andaidh MacCuimein.
Bha e follaiseach dhomh sa mhionaid d猫 an uaigh a bh鈥 aige, oir air t猫 de na h-uaighean bha fl霉raichean 霉ra. Chan e fl霉raichean na b霉tha a bh鈥 annta, ge-t脿, ach feadhainn a chaidh a thogail anns a鈥 mhonadh le muinntir an 脿ite. Bha gr脿dh aig Andaidh air an d霉thaich aige. Agus, a bharrachd air na fl霉raichean, bha na botannan aige agus bratach na h-Alba. 鈥橲 e 鈥渃aractar鈥 a bh鈥 ann agus chitheadh tu sin anns na bh鈥 air fh脿gail air an uaigh aige.
Bha seo anns a鈥 chladh ri taobh na seann eaglais aig D霉n Fhlicheadaidh. Ainm-脿ite inntinneach a tha sin 鈥 D霉n Fhlicheadaidh. Bha beachd aig Andaidh air, mar a bha air iomadach rud co-cheangailte ris an sg矛re. Bha cuid de na seann daoine dhen bheachd gun t脿inig e 脿 鈥淒霉n an Leth-cheud鈥, leis gu robh leth-cheud duine air am marbhadh ann am bl脿r agus gu robh iad air an tiodhlacadh anns a鈥 chladh. Ma tha sin f矛or, chan urrainn dhomh a r脿dh cuin鈥 a thachair e, oir tha e coltach gu bheil eaglais air a bhith air an l脿rach sin airson co-dhi霉 m矛le is tr矛 cheud bliadhna.
Co-dhi霉, cha chreid mi nach robh Andaidh amharasach mu dheidhinn a鈥 mhineachaidh sin. Bha esan dhen bheachd gun t脿inig Flicheadaidh 脿 Fliuch no Fliuchad, a鈥 ciallachadh gur e 脿ite fliuch a bh鈥 ann.
Tha mi gu m貌r an comainn Andaidh airson notaichean fh脿gail againn air seann st貌iridhean is naidheachdan a chruinnich e anns an sg矛re, agus bu mhath leam, mar chomharra air a bheatha is air a bh脿s, t猫 bheag dhiubh sin aithris dhuibh an-dr脿sta. Tha i mu dheidhinn ainm-脿ite eile anns an sg矛re 鈥 Uaigh an Duine Bhe貌.
Tha e coltach gu robh Clann 鈥檌c an T貌isich agus Clann 鈥檌cIlleBhrath an ugannan a ch猫ile mu chr矛ochan an cuid fearainn. As deidh 霉ine, dh鈥檃ontaich an d脿 chinneadh gabhail ri beachd bodaich a bha mion-e貌lach air dualchas an 脿ite. 鈥橲 e an duilgheadas a bh鈥 ann gur e fear de Chloinn 鈥檌cIlleBhrath a bh鈥 ann 鈥 fear E貌in MacIlleBhrath.
L脿 a bha seo, chaidh E貌in agus 脿rd-urrachan an d脿 chinnidh a-mach c貌mhla. Gheall e air 鈥渁鈥 cheann a bha fo bhonaid鈥 gur ann le Cloinn 鈥檌cIlleBhrath a bha 鈥渁n talamh fo chasan鈥. Uill, 鈥檚 d貌cha gu robh Clann 鈥檌cIlleBhrath toilichte le bhreith, ach cha robh Clann 鈥檌c an T貌isich riaraichte idir. Feumaidh gu robh iad amharasach mu dheidhinn na thuirt E貌in. Agus feumaidh gun do rinn iad beagan sgr霉daidh air, oir fhuair iad a-mach gu robh ceann eile fo bhonaid 鈥 ceann coilich! Agus am broinn a chuid bhr貌g, fo chasan, bha talamh a bh鈥 air a thoirt far fearann aig a鈥 chinneadh aige fh猫in 鈥 Clann 鈥檌cIlleBhrath. Mar sin, cha robh E貌in breugach, ach cha robh e buileach ag innse na f矛rinn na bu mh貌!
Co-dhi霉, bha Clann 鈥檌c an T貌isich feargach. Chaidh E貌in a thiodhlacadh be貌 fon talamh mar pheanas agus tha c脿rn ri fhaicinn anns an 脿ite fhathast, air a bheil Uaigh an Duine Bhe貌.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.