![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hydr10.jpg)
26/03/2004
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 257
Duration: 05:25
Litir 247: Am Mary Ann
Tha mi an dùil gun cuala sibh uile mun Pholitician, an long a chaidh fodha faisg air Eirisgeigh tìde a’ chogaidh, anns an robh uiread de dh’uisge-beatha. Ach an cuala sibh mu thachartas ann am meadhan an naoidheamh linn deug ann an Ìle nuair a chaidh long, le deoch là idir air bòrd, fodha far costa siar an eilein? Bha aimhreit is bàs na lùib, agus seo mar a thachair.
Anns a’ Chèitean ochd ceud deug, caogad ’s a naoi (1859), chaidh am Mary Ann, a bha a’ seòladh a-mach à Grianaig, air sgeir faisg air baile beag ris an canar Cille Chomainn. Thòisich bogsaichean là n branndaidh, uisge-beatha, sine agus fìon air dhol air tìr agus chuir sin muinntir na sgìre air bhoil!
Chaidh na ceudan ann, a rèir aithris ann am pà ipear-naidheachd aig an à m. Nam measg bha a h-uile h-iasgair à Port na h-Abhainne. Ach, eucoltach ri muinntir Eirisgeigh anns an fhicheadamh linn, cha do chuir iad an deoch am falach. Uill, ’s docha nach eil sin buileach fìor. Chaidh mòran dhith am falach, ceart gu leòr, ach am broinn nan daoine. An ceann greis bha na ceudan air mhisg. Bha feadhainn cho truagh ’s nach b’ urrainn dhaibh gluasad, is thòisich feadhainn eile air sabaid nam measg fhèin. Bha obair dhoirbh ron dithis phoileas a chaidh ann – an Sairdseant Ceanadach agus an Constabal Siosalach.
Tron là chaidh aig na poilis air smachd a chumail air an t-suidheachadh ach, nuair a thà inig dorchadas na h-oidhche, thòisich cuid dhen fheadhainn a bha an là thair air dèanamh follaiseach nach robh iad toilichte gu robh ùghdarrasan na stà ite ann. Dh’fheuch aon duine ri baraille de dh’uisge-beatha fhosgladh, agus chuir na poilis stad air. An uair sin thòisich ùpraid. Bha sabaid ann, a rèir a’ phà ipeir-naidheachd, eadar an dithis phoileas agus còrr is deich duine fichead de mhuinntir an eilein. Mhair sin leth-uair a thìde, agus b’ fheudar do na poilis teicheadh lem beatha gu baile-fearainn mìle air falbh.
Leig bean an tuathanaich, a’ Bhean-phòsta Simpson, a-steach iad, agus ghlas i an doras mòr an aghaidh an luchd-aimhreit. Thug i gunnaichean do na h-oifigearan airson an dìon fhèin. Nuair a chuala an sluagh gu robh gunnaichean aig na poilis, thill iad don chladach.
Air an là rna-mhà ireach, bha cùisean air a dhol bhuaithe buileach. Bha iasgair mòr tapaidh à Port na h-Abhainne na shìneadh marbh air a’ chladach. Bha cliù aig Dòmhnall MacPhà idein mar an fhear a bu là idire ann an Ìle ach, mar a sgrìobh am fear-naidheachd anns a’ phà ipear, bha am branndaidh na bu là idire eadhon na esan. Dh’fhà g e bean is teaghlach às a dhèidh.
Bha feadhainn eile faisg air bàs leis na bha iad air òl de dheoch là idir, agus chaidh an toirt gu taighean anns an sgìre airson cobhair a dhèanamh orra. Ach cha robh dotair anns an sgìre sin ann. Bha am fear a b’ fhaisg’ orra còig mìle deug air falbh. Agus, as aonais cobhair mhedigeach, chaochail dithis eile. ’S e gnothach tà mailteach a bh’ ann gun teagamh.
Agus cha b’ e sin an deireadh dheth oir thà inig là tiodhlacadh Dhòmhnaill MhicPhà idein. Bha aimhreit ann eadhon aig an tiodhlacadh oir bha cuid mì-thoilichte nach robh deoch là idir ann airson “soraidh cheart a leigeil leis an duine”. Chan eil am pà ipear-naidheachd ga mhìneachadh, ach saoilidh mi gun deach casg a chur air deoch ann, leis mar a bha mòran anns an eilean air an dubh-mhaslachadh mun chùis, agus leis gur ann air sà illeamh na dighe a fhuair Dòmhnall bochd bà s.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.