10/12/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 284
Duration: 05:24
Litir 284: Dòmhnall Horne MacPhàrlain.
Anns an Iuchar ochd ceud deug, ochdad ’s a sia (1886), bha taghadh nàiseanta ann, dìreach beagan mhìosan an dèidh an taghaidh mu dheireadh. Agus bha iomairt làidir aig na Tòraidhean an aghaidh ball Earra-Ghàidheal, Dòmhnall Horne MacPhàrlain. Bha MacPhàrlain gu mòr air taobh nan croitearan a bha ag iarraidh còraichean fearainn.
Chuir na Tòraidhean tagraiche air adhart air an robh an Còirnealair Iain MacCaluim, agus fhuair esan taic mhòr bho na h-uachdarain agus na tuathanaich mhòra. Agus, leis gur e an samhradh a bh’ ann, bha mòran dhen luchd-taic aig MacPhàrlain air falbh bhon dachaigh, ag obair taobh a-muigh na Gàidhealtachd. Bhuannaich MacCaluim an taghadh, le mòr-chuid de chòrr is sia ceud bhòt.
Ach, a dh’aindeoin ’s gun do chaill e, cha do thrèig Dòmhnall MacPhàrlain Earra-Ghàidheal, agus bha e air ais ann an Tiriodh goirid an dèidh an taghaidh. Chaidh buidheann de Thiristich a chur don phrìosan nuair a dh’fheuch iad ri tuathanas a ghabhail thairis. Agus shoirbhich le MacPhàrlain ann an bhith gan leigeil ma sgaoil na bu tràithe na bha dùil.
Thill MacPhàrlain a mharsantachd ann an Lunnainn airson beagan bhliadhnaichean. Ach ann an ochd ceud deug, naochad ’s a dhà (1892), sheas e a-rithist airson na pàrlamaid ann an Earra-Ghàidheal. Bha an taghadh seo ann as t-samhradh cuideachd ach, leis gu robh cùisean air a dhol am feabhas do na Libearalaich gu nàiseanta, bhuannaich e – ach le mòr-chuid bheag – dìreach ochdad bhòt.
Bha gàirdeachas gu leòr ann am measg nan croitearan agus chaidh bàrdachd Ghàidhlig a sgrìobhadh mar chomharra air buaidh MhicPhàrlain. Seo aon rann à aon dàn:
Nise, bho choisinn thu ’n t-urram,
Thèid thu (a) mhòr-bhaile Lunnainn a-suas;
Bidh an lùchairt na Bànrighinn
Àite-suidhe aig MacPhàrlain (a) bhios buan,
Thagairt cùis Earra-Ghàidheal,
’S bidh thu misneachail, stàilinneach, cruaidh,
’S bheir thu dhachaigh a’ chòir dhuinn
Rinn na nàimhdean le fòirneart thoirt uainn.
Sgrìobh am bàrd Eòghann Dòmhnallach, no Eòghann Shìm, à Gleann Urchardain, dàn dha air an robh, gu sìmplidh, “MacPhàrlain”. Tha sin a’ dearbhadh toileachas nan croiteararan:
Tha pàipear a’ tighinn
Leis an fhios a bha dhìth oirnn;
’S iomadh fear a tha ga shireadh
’S cha bu sgillinn bu phrìs dha;
Tha e miadhail a-nochd
Aig gach posta san rìoghachd,
’S bidh sinn ’n earbsa a-nise
Gum brist iad na frìthean –
Mas fhìor am beachd
’S iomadh teine tha nochd
Air na cnocan as àirde;
Cha bhi chuing air na botaill
Bhon a choisinn MacPhàrlain;
An duine foghainteach treun,
Nì e feum anns gach àite;
Guidhibh saoghal bith-bhuan dhà,
’S òlaibh suas a dheoch-slàinte –
Gu grunnd gun stad.
Chaochail Teàrlach Stiùbhart Parnell ann an ochd ceud deug, naochad ’s a h-aon (1891). Agus thug am prìomhaire Gladstone bile ùr air adhart, airson fèin-riaghladh a thoirt do dh’Èirinn, a’ bhliadhna an dèidh sin, le taic bho Dhòmhnall MacPhàrlain am measg eile. Shoirbhich leis ann an Taigh nan Cumantan ach chaill e ann an Taigh nam Morairean. Leig Gladstone dheth a dhreuchd ann an naochad ’s a ceithir (1894) ach, mus do dh’fhalbh e, mhol e gum biodh Dòmhnall MacPhàrlain air a dhèanamh na ridire. Fhuair Dòmhnall frìth-ainm às a sin – “Ridire Caitligeach na Croitearachd”.
Ach cha robh fada aige ri dhol mar bhall pàrlamaid. An dèidh Ghladstone, chaidh am Pàrtaidh Libearalach bhuaithe agus chaill MacPhàrlain a shuidheachan anns an taghadh nàiseanta ann an naochad ’s a còig (1895). Ach tha e air a chuimhneachadh fhathast ann am bàrdachd na Gàidhealtachd. Gu dearbh, a bharrachd air Teàrlach Friseal Mac an Tòisich à Inbhir Nis, tha e doirbh smaoineachadh air ball pàrlamaid mun deach uiread de bhàrdachd Ghàidhlig a sgrìobhadh.
Faclan na seachdaine
Faclan na seachdaine: taghadh: election; còraichean fearainn: land rights; tagraiche: candidate; an Còirnealair Iain MacCaluim: Col. John Malcolm; mòr-chuid: majority; Tiristich: people of Tiree; marsantachd: a merchant’s business; buan: enduring; Gleann Urchardain: Glen Urquhart; frìth-ainm: nickname.
Abairtean na seachdaine
Puing-chànain na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.