29/04/2005
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 304
Duration: 05:13
Litir 304: Teachdaire an t-Sluaigh
Tha naidheachdan sean agus nuadh
Gan sgaoileadh gach seachdain mun cuairt,
’S gach uile nì thachair an Alba no ’n Sasainn
Gan leughadh air feadh an taoibh tuath.
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a bh’ ann
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a bh’ ann
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a thà inig thar chuan
Tha naidheachdan luachmhor ann.
Tha mi an dòchas gun do chòrd a’ chriomag sin de bhà rdachd ribh. Tha i à òran a chaidh a sgrìobhadh còrr math agus seachdad bliadhna air ais. Ach tha ceist agam dhuibh – cà ite an robh i air a sgrìobhadh, agus dè th’ ann an Teachdaire an t-Sluaigh? Uill, anns a’ chiad dol a-mach, chaidh a sgrìobhadh thall thairis – oir anns an t-sèist, tha an t-ùghdar ag rà dh “a thà inig thar chuan”. Chaidh an Teachdaire a dhèanamh ann an Alba, ach chaidh an t-òran a sgrìobhadh thall thairis – ann am Brisbane ann an Astrà ilia.
B’ e ùghdar an òrain Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain. Bhuineadh Iain do Gheà rrloch ach chaidh e a dh’fhuireach ann an Astrà ilia. Fhad ’s a bha e thall, sgrìobh e mòran duanagan is sgeulachdan goirid ann an Gà idhlig a chaidh fhoillseachadh ann an cruth leabhair.
’S e Teachdaire an t-Sluaigh an dreach Gà idhlig a chuir Iain air iris air am bi cuid gu math eòlach – The People’s Journal. Là a bha seo, bha Iain a’ coiseachd air Srà id Sheòrais ann am Brisbane nuair a chunnaic e – mar a sgrìobh e fhèin – “comharradh ceannaiche” air bùth. B’ e sin sanas le ainm fear na bùtha air. Agus ’s e an t-ainm a’ bh’ air “W. Cameron”.
“Horò,” ars’ Iain ris fhèin, “’s e fear Gà idhealach a tha seo.” Bha Iain a-riamh toilichte coinneachadh ri daoine eile ris am bruidhneadh e ann an Gà idhlig. Sheall e ris an uinneig agus dè chunnaic e air an taobh thall dhith ach lethbhreac de Theachdaire an t-Sluaigh. ’S e a bha toilichte oir b’ à bhaist dha a bhith a’ faighinn a’ phà ipeir sin an-drà sta ’s a-rithist bho charaid aige. Bha mòran naidheachdan ann às a’ Ghà idhealtachd ann am Beurla agus bha oisean Gà idhlig ann a bharrachd.
Chaidh Iain a-steach don bhùth agus dh’fhaighnich e de dh’fhear na bùtha an robh am pà ipear sin aige ri reic. Thuirt am fear eile gu robh. An uair sin, dh’fhaighnich Iain dhen fhear eile an ann às a’ Ghà idhealtachd a thà inig e, agus fhreagair e gur ann.
“Tha Gà idhlig agaibh, a-rèist,” ars’ Iain.
“Tha gu leòr,” fhreagair fear na bùtha. Agus rug iad air là imh air a chèile. Mar a tha Iain ga aithris – “chaidh an còmhradh air adhart anns a’ chà nan as sine agus as binne a bha riamh air an t-saoghal.”
’S ann às dèidh sin a sgrìobh Iain an t-òran mu Theachdaire an t-Sluaigh. Seo pìos a bharrachd bhon òran – dà rann agus sèist airson crìoch a chur air Litir do Luchd-ionnsachaidh an-diugh:
’S e oisean na Gà idhlig tha binn
Toirt eòlais air bà rdachd nan glinn
’S ag innse’ anns gach à ite gun labhair sibh Gà idhlig
’S nach leig sibh gu brà th i air dhìth
Chan eil sgeulachd a chuala sibh riamh
Sna siorrachdan tuath agus siar,
Nach eil sgoilearan Gà idhlig gan cur anns a’ phà ipear,
Co-dhiù tha iad breugach no fìor!
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a bh’ ann
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a bh’ ann
’S e Teachdaire an t-Sluaigh a thà inig thar chuan
Tha naidheachdan luachmhor ann.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-chĂ nain na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.