14/04/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 354
Duration: 05:36
Litir 354: TeĂ rlach MacAoidh
Anns an dà Litir mu dheireadh, bha mi a’ toirt sùil air eisimpleirean bhon leabhar The Gaelic Etymology of the Languages of Western Europe le Teà rlach MacAoidh. Ach cò e an duine a sgrìobh an leabhar? Agus an robh Gà idhlig aige? Uill, cha robh. Ach bha mòran chà nanan eile aige. Agus bha e Albannach.
Rugadh e ann am Peairt ann an ochd ceud deug is dhà -dheug (1812) no ’s dòcha ochd ceud deug is ceithir-deug (1814). Chaochail a mhà thair nuair a bha Teà rlach glè òg, agus ’s e athair a thog e. Bha esan na stiùiriche còmhlan-ciùil anns an rèisimeid ris an canar an Royal Artillery. Bha e a’ fuireach thall thairis ach thill e a dh’Alba nuair a ghabh e malaria. Bha e beò an uair sin air peinnsean nach robh uabhasach luachmhor.
Fhuair Teà rlach a chuid foghlaim an toiseach ann an Lunnainn is an uair sin anns a’ Bhruiseal, far an deach athair a dh’fhuireach. Ann an sin, dh’ionnsaich an gille Fraingis, Gearmailtis, Eadailtis is Spà inntis. ’S e brà thair a sheanar, am Mà idsear-Seanalair Raibeart MacAoidh, a bha a’ pà igheadh airson a chuid foghlaim. Agus bha esan a’ tuigsinn gum biodh Teà rlach a’ dol do na h-Innseachan mar shaighdear. Ach cha deach am plana sin air adhart. Chaidh athair Theà rlaich agus uncail a-mach air a chèile.
Fhuair Teà rlach obair mar neach-naidheachd ann an Lunnainn – an toiseach leis an Sun agus an uair sin leis a’ Mhorning Chronicle – am pà ipear a bu mhotha a bha a’ strì le Tìm Lunnainn airson prìomhachas. Am measg na bha ag obair don Chronicle aig an à m, bha Uilleam Thackeray agus Teà rlach Dickens.
Fhuair MacAoidh obair mar Fo-dheasaiche. Ach a dh’aindeoin ’s gu robh e trang, ag obair sia latha san t-seachdain, fhuair e ùine airson bà rdachd is leabhraichean a sgrìobhadh. Mus robh e trithead bliadhna a dh’aois, bha e air na leabhraichean a leanas a sgrìobhadh: A History of London, The Thames and its Tributaries, nobhail air an robh Longbeard, Lord of London, agus cruinneachadh de dh’aistidhean air an robh Memoirs of Extraordinary Popular Delusions, and the Madness of Crowds.
Ann an ochd ceud deug ceathrad ’s a ceithir (1844), fhuair MacAoidh obair ùr – air ais ann an Alba – mar Dheasaiche Argus Ghlaschu. Anns a’ bhaile sin, bha e an sàs gu mòr le daoine aig an robh beachdan libearalach. Chaidh ceum LLD a bhuileachadh air le Oilthigh Ghlaschu. Agus phòs e ann an Glaschu – tè Rose Henrietta Vale.
Às dèidh trì bliadhna ann an Glaschu, thill e a Lunnainn far an d’ fhuair e obair anns an Illustrated London News. Nuair a bha e ag obair don phà ipear sin, dh’fhoillsich e ann feadhainn de na h-òrain a sgrìobh e. Airson sin bha e ag obair còmhla ris a’ chruthadair-chiùil ainmeil, Sir Eanraig Bishop.
’S e bliadhna dhòrainneach a bh’ ann dha ann an ochd ceud deug, caogad ’s a naoi (1859). Dh’fhà g e an Illustrated London News airson pà ipear-naidheachd ùr a chur air chois – an London Review – nach do shoirbhich. Agus chaochail a’ bhean aige. Dà bhliadhna às dèidh sin phòs e Mà iri Ealasaid Mills.
Nise, bidh sibh a’ mothachadh nach do dh’aithris mi dad mun Ghà idhlig fhathast. ’S e as coireach ri sin nach eil dad ri aithris fhathast. Gu dearbh, feumaidh sinn feitheamh chun na h-ath-sheachdain airson sin. Cha do rà inig sinn ach ochd ceud deug, seasgad ’s a dhà (1862), nuair a chaidh MacAoidh a dh’Ameireagaidh airson aithrisean a dhèanamh air a’ Chogadh Chatharra. Agus bhris e naidheachd mhòr fhad ’s a bha e thall – air an toir sinn sùil anns an ath Litir.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.