27/10/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 382
Duration: 05:19
Litir 382: Nighean an Tomaidh
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun turas a ghabh mi o chionn ghoirid gu D霉n Dearduil faisg air Loch Nis 鈥 cnoc is seann l脿rach a tha co-cheangailte ri Deirdre agus Clann Uisne. Faisg air an d霉n, chuala mi fuaim ne貌nach dha-r矛reabh. Bha e car coltach ri beathach a鈥 sgreuchail. D猫 bh鈥 ann? D脿 chraoibh a鈥 suathadh na ch猫ile sa ghaoith? Beathach ann an ribe? No taibhs?
Uill, chan eil fhios agam a bheil sibh fh猫in a鈥 creidsinn ann an taibhsean. Tha gu le貌r ann an Alba a chreideas, no co-dhi霉 nach canadh a-muigh no mach nach eil a leithid ann. Ach nan robh taibhs air D霉n Dearduil, c貌 bhiodh ann?
Leugh mi o chionn ghoirid mu bhoireannach air an robh Nighean an Tomaidh. Bha i be貌 aig deireadh an ochdamh linn deug. A r猫ir beul-aithris cha robh i sl脿n na h-inntinn. Feumaidh, ge-t脿, gun robh i sl脿n na bodhaig oir bhiodh i a鈥 dol a h-uile latha dhen bhliadhna gu mullach Dh霉n Dearduil. Bhiodh i a鈥 coiseachd timcheall air mullaichean nan cnoc. Agus bhiodh i a鈥 seinn fhad 鈥檚 a bha i a鈥 coiseachd.
Am measg na sheinneadh Nighean an Tomaidh air D霉n Dearduil bha an rann bheag a leanas. Nuair a ruigeas mi an deireadh, cuiridh mi a鈥 cheist oirbh: an robh craobhan a鈥 f脿s air an d霉n aig an 脿m? Seo an rann:
H貌, th猫id mi a Dh霉n Dearduil,
An D霉n as docha leam sa choill.
Togaidh mi taigh air Dearduil Ghuanach,
Togaidh mi sabhal air a鈥 Chreig Dheirg,
C矛ridh mi m鈥 fhalt dualach donn air Creag nan Gobhar.
An robh craobhan a鈥 f脿s ann, ma-th脿? Bha, oir bhiodh am boireannach a鈥 seinn, An D霉n as docha leam sa choill. Mar sin tha e freagarrach gu le貌r gu bheilear a鈥 leagail nan craobh neo-dh霉thchasach, agus gu bheilear a鈥 feuchainn ris an 脿rainneachd a chur air ais mar a bha i aig an 脿m sin 鈥 le d矛reach craobhan d霉thchasach ann.
Chan eil fhios agam am bi taibhs Nighean an Tomaidh fhathast a鈥 dol an d猫idh c貌rr is d脿 cheud bliadhna. Ach nuair a bha mi a鈥 d猫anamh rannsachadh air an sg矛re, 脿s d猫idh dhomh a bhith ann, lorg mi fiosrachadh a bha gu math inntinneach. Tha aithrisean ann gun robh taibhs no taibhsean ann an 脿ite ris an canar Glac an Amair, faisg air Bail鈥 an Lagain. Tha baile-fearainn fhathast ann am Bail鈥 an Lagain, 脿s a bheilear a鈥 faighinn sealladh math de Dh霉n Dearduil faisg air l脿imh.
Anns an t-seann aimsir bhiodh na daoine a鈥 faicinn bodachan an sin, gun cheann, agus c貌ta dearg air. 鈥橲 e an t-ainm a thug iad don taibhs 鈥淏odach a鈥 Charbh-dhuin鈥. Aon turas, chunnaic treabhaiche 脿 Bail鈥 an Lagain e. Bha an treabhaiche air fear de na h-eich aige a chur a-mach gu feurachadh fad na h-oidhche ann an Glac an Amair. Bha e a鈥 dol ga cheangal ann le d脿 chorraich. Cheangail e t猫 de na corraich agus thionndaidh e a choimhead airson na corraich eile. A-mach 脿s an dorchadas th脿inig guth 鈥 鈥淪eo i鈥 鈥 agus thilg an taibhs a鈥 chorrach eile a dh鈥檌onnsaigh an treabhaiche.
Agus leugh mi rud eile. Bha fuaran ainmeil ann an Glac an Amair air an robh Fuaran Glac an Amair (d猫 eile?). Bhathar a鈥 creidsinn gu robh an t-uisge ann math do shl脿inte dhaoine. Agus a r猫ir beul-aithris, bha t脿charan a鈥 fuireach ann. Saoil, ma-th脿, c貌 no d猫 d矛reach a rinn am fuaim ne貌nach a chuala mi an latha sin aig bonn D霉n Dearduil?
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.