10/11/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 384
Duration: 06:02
Litir 384: Alasdair Fearghasdan
An t-seachdain sa chaidh bha sinn ann am Baile Cheatharnach, faisg air Loch Nis. ’S e sin a chanadh mòran daoine anns an ochdamh linn deug ris an sgìre faisg air Abhainn Fharragaig.
Gu tric, gu h-à raidh an dèidh Blà r Chùil Lodair, bha fir à Baile Cheatharnach air an dìteadh airson crodh a ghoid. Ach chan e crodh a-mhà in. Ann an seachd ceud deug, leth-cheud ’s a trì (1753) nochd fear Alasdair Fearghasdan anns an taigh-chùirte ann an Inbhir Nis. Bha e fo chasaid gun do ghoid e muilt, uain agus clòimh bho Mhac an Tòisich, Fear an Tuilm. Fhuaireadh fear eile, Iain Friseal, ciontach de bhith a’ goid each. Thuirt na h-ùghdarrasan gun do dh’aidich e a chiont. Ach anns a’ chùirt chaidh a rà dh gur e nach robh Beurla aige fhèin is nach robh Gà idhlig na h-ùghdarrasan a bu choireach ris a’ “mhì-thuigse” sin.
Cha robh muinntir an à ite fhèin saor bho eucoir. Chaidh each a ghoid turas bho thuathanach ann am Bail’ a’ Chreagain. Chaidh bliadhna seachad agus cha chualas guth air an each. An uair sin, aig a’ Bhliadhn’ Ùir, nochd an t-each aig an doras. Bha e a’ giùlain botail de dh’uisge-beatha. Tha e coltach gun robh e air a bhith a’ giùlain uisge-beatha eadar diofar sgìrean agus gun do theich e dhachaigh.
Tha am fiosrachadh seo a’ tighinn bho dhà leabhar – fear le Ailean B Lawson air a bheil A Country Called Stratherrick agus leabhran a chuireadh ri chèile leis an uachdaran, Niall Friseal-Tytler, anns na ficheadan dhen fhicheadamh linn. Bha sin gu mòr stèidhichte air fiosrachadh bho Sheumas Gobha. Rugadh Seumas ann an ochd ceud deug ’s a trì (1803), agus chaochail e ann an naoi ceud deug ’s a trì (1903). Bha cuimhne mhath aige chun an latha a chaochail e. ’S e am ministear ainmeil, an Dr Tòmas Sinton, Ministear Durais, a chruinnich mòran de na naidheachdan aige.
Bha athair Sheumais na threabhaiche ann am Baile an Lagain, faisg air Dùn Dearduil. Às dèidh Blà r Chùil Lodair, bha seanair Sheumais am falach ann an uamh airson trì seachdainean deug, fhad ’s a bha na saighdearan dearga a’ dèanamh sgrios thall ’s a-bhos. Bha còig balaich dheug còmhla anns an uaimh, oir bha muinntir an à ite air cluinntinn gun robh na saighdearan a’ murt balaich, eadhon san leabaidh.
Bha sinn-seanmhair Sheumais na banntrach. Nuair a chuala i gun robh na saighdearan dearga a’ tighinn dlùth, dh’iarr i air buachaille na sia bà bainne aice a thoirt air falbh. Ach thachair am buachaille ris na saighdearan. Mharbh na saighdearan an crodh air fad.
Nuair a bha Seumas fhèin na ghille, fhuair e obair aig a’ Choirneal Lester, a bhiodh a’ tighinn a shealg ann an Srath Fharragaig. Bha oighreachd aig a’ Choirneal Lester ann an Ceant, agus bhiodh Seumas a’ dol ann gu tric. Ach, às dèidh greis, thill e don Ghà idhealtachd agus cha do dh’fhalbh e a-rithist. Bha e an sàs gu mòr ann an gnìomhachas an uisge-bheatha – ged nach robh cead laghail aige sin a dhèanamh!
Bha triùir bhrà ithrean aige agus, a dh’aindeoin na thachair leis na saighdearan dearga nan òige, chaidh iad uile don arm. Bha aon bhrà thair na fhreiceadan aig uaigh Napoleon ann an St Helena fad còig bliadhna. Bhiodh e ag innse mar a chaith Napoleon snaoisean gu leòr – trì puinnd de chuideam dheth – fhad ’s a bha e a’ coimhead Blà r Bhatairliù, leis gu robh a’ ghaoth là idir ga shèideadh air falbh!
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.