19/01/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 394
Duration: 05:46
Litir 394: Mà rtainn MacIlleMhà rtainn
Tha Mà rtainn MacIlleMhà rtainn ag innse naidheachd dhuinn a tha car annasach. ’S e Sgitheanach a bh’ ann agus sgrìobh e an leabhar A Description of the Western Islands of Scotland. Chaidh an leabhar fhoillseachadh an toiseach ann an seachd ceud deug ’s a trì (1703). Co-dhiù, bha MacIlleMhà rtainn ann an Uibhist agus sgrìobh e mu dheidhinn nan dòighean anns an do chleachd muinntir an à ite ròin.
Anns a’ chiad dol a-mach, bhiodh iad gan ithe. Bhiodh iad a’ glèidheadh na feòla thairis air a’ gheamhradh le bhith a’ cur luaithre oirre a fhuair iad le bhith a’ losgadh feamainn. Ach airson an fheòil ithe as t-Earrach, bhiodh iad a’ cleachdadh bioran – bioran fada, a rèir MhicIlleMhà rtainn. Cha bhiodh iad a’ cur an là mhan air an fheòil idir. Carson? Uill, bha an samh dona dha-rìribh. Bhiodh samh na feòla a’ dol air an là mhan, is a’ fuireach orra airson grunn uairean a thìde!
A bharrachd air sin, bha bian an ròin gu math feumail. Bhiodh cuid a’ cur pìos dheth mun timcheall mar leigheas airson siataig. Agus bhiodh iad a’ ceangal crann treabhaidh ri each le stiallan de bhian ròin an à ite ròp.
Tha iad sin inntinneach gu leòr, ach chan e sin an naidheachd annasach air an robh mi a-mach aig toiseach na Litreach. Thig mi gu sin an ceartuair.
Bha cunntas aig MacIlleMhà rtainn de dhòigh anns am biodh na daoine ann an Heisgeir a’ glacadh ròn anns an t-seann aimsir. Tha Heisgeir na bhuidheann de dh’eileanan beaga gu siar air Uibhist a Tuath. Bha sluagh ann uaireigin, ged nach eil duine a’ fuireach ann an-diugh. Bha crodh aca. Bha arbhar aca. Ach cha robh mòine no fiodh aca. Mar sin, bhiodh iad a’ cleachdadh buachair thioram no feamainn thioram mar chonnadh. A rèir nan eileanach bha aran, a bh’ air fhuine le bhith a’ cleachdadh feamainn mar chonnadh na b’ fheà rr na aran a bh’ air fhuine le connadh sam bith eile.
Bhiodh iad a’ dèanamh lìon de ghaoisid eich. Bhiodh iad a’ dèanamh nà dar de phoca dheth. Bha comas aca an dà rna ceann dheth a dhùnadh le bhith a’ tarraing air sreangan. Chuireadh iad an lìon ann an amar anns a’ mhuir. Bhiodh ròn a’ snà mh a-steach ann, agus bhiodh iad a’ dùnadh an lìn.
Uill, feumaidh mi an naidheachd annasach innse dhuibh mus ruith an ùine orm. Tha MacIlleMhà rtainn ag innse dhuinn mu chòmhradh a bh’ ann eadar dithis – fear Pròstanach agus fear Caitligeach. Bha iad a’ deasbad an diofair a bh’ ann eadar iasg is ròn.
Tha an sgrìobhadair ag innse dhuinn gun robh na Caitligich anns na h-Eileanan an Iar ag ithe feòil ròin aig à m a’ Charghais – no Lent. Agus bha am Pròstanach ag rà dh ris an fhear eile gun robh e a’ briseadh riaghailtean na h-Eaglaise aige fhèin, oir chan e ròn iasg.
Thuirt am fear Caitligeach nach biodh an ròn ag ithe ach iasg. Mar sin a thaobh riaghailtean na h-Eaglaise, ’s e iasg a bh’ ann. Agus bhiodh e a’ creidsinn gur e iasg a bh’ ann gus an cluinneadh e an caochladh bho shagart no bhon Phà p.
Cha do ghabh am fear Pròstanach ri a bheachd, ge-tà . Tha an ròn muir-thìreach, thuirt e – bidh e a’ laighe, a’ snà igeadh, ag ithe, a’ cadal agus a’ cur seachad mòran tìde air tìr – rudan nach urrainn iasg a’ dhèanamh. Agus – cuideachd – thuirt e – mar gum b’ e seo cnag na cùise – faodaidh ròn braidhm a dhèanamh a tha cho fuaimneach ’s gun gabh e cluinntinn aig astar fada!
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Gnà ths-cainnt na Litreach
Gnà ths-cainnt na Litreach: Thig mi gu sin an ceartuair: I’ll come to that shortly/presently.
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.