Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 418: Eilean Mhanainn

Nuair a bha mi ann an Eilean Mhanainn, thadhail mi air dà àite a tha uabhasach cudromach do riaghladh an eilein. Agus, mus can mi an còrr, bu chòir dhomh cur nur cuimhne, co-dhiù dhuibhse nach robh a-riamh ann, nach eil an t-eilean mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte (no dhen Aonadh Eòrpach). Tha e co-cheangailte ris a’ Chrùn, ceart gu leòr. ’S i a’ Bhanrigh Tighearna Mhanainn. Ach chan eil ball pàrlamaid Manainneach ann an Taigh nan Cumantan. Tha pàrlamaid aca fhèin.

’S iad an dà àite dhan deach mi – taigh na pàrlamaid ann an Doolish, am prìomh bhaile, far am bi Tinvaal – no Tynwald ann am Beurla – a’ phàrlamaid Mhanainneach – a’ coinneachadh fo chabair. Agus Cronk Keeill Eoin – sin Cnoc Cill Eòin – no Tynwald Hill – air am bi a’ phàrlamaid a’ coinneachadh a-muigh. Bidh iad a’ tighinn cruinn còmhla air a’ chnoc sin air a’ chòigeamh latha dhen Iuchar gach bliadhna. No an còigeamh latha de Jerrey Souree mar a chanas iad fhèin – sin Deireadh Samhraidh. ’S e sin Latha Nàiseanta Eilean Mhanainn.

Tha trì seòmraichean ann an Tinvaal. Thathar ag ràdh gur i an aon phàrlamaid san t-saoghal le trì seòmraichean. Agus bha mi fortanach gu leòr ’s gun deach mo thoirt timcheall nan trì le fear aig a bheil an dreuchd ris an canar, ann am Beurla, The Speaker of the House of Keys. ’S e ainm car annasach a tha sin – House of Keys. A bheil e co-cheangailte ri iuchraichean, saoil?

Uill, chan eil. Thathar a’ dèanamh dheth gur ann bhon Ghaelg – Gàidhlig Eilean Mhanainn – a thàinig an t-ainm. Ann an Gaelg, ’s e Yn Kiare As Feed. Tha sin a’ ciallachadh An Ceithir Air Fhichead. Yn Kiare As Feed. Agus saoil cia mheud ball a th’ aca anns an t-seòmar sin dhen phàrlamaid? Uill, chan eil sin ro dhoirbh, a bheil? Ceithir air fhichead – no fichead ’s a ceithir, ma thogras sibh.

Ach bha barrachd na sin aca uaireigin. An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse mu Rìoghachd Mhanainn ’s nan Eilean. Bha rìoghachd mhara ann, a’ gabhail a-steach Eilean Mhanainn agus eileanan taobh siar na h-Alba. Aig an àm sin bha trithead ’s a dhà buill sa phàrlamaid. Bha sia duine deug ann à Eilean Mhanainn fhèin, le sia-deug eile bho eileanan na h-Alba – Leòdhas, an t-Eilean Sgitheanach, Muile agus Ìle. Nuair a dh’fhalbh Muile is Ìle, thug iad ochdnar bhall leotha, agus bha Tinvaal – mar a tha an-diugh – air a dhèanamh de cheithir duine fichead.

’S e The Speaker of the House of the Keys ann an Gaelg Loayreyder Yn Chiare As Feed – Labhradair no Labhraiche nan Ceithir Air Fhichead. ’S e am fear aig a bheil an dreuchd sin an-dràsta fear Albannach – Steve Rodan – agus ’s e a thug timcheall mi. Thaseòmar ann don Cheithir Air Fhichead anns an togalach. Tha seòmar eile ann don dàrna taigh sa phàrlamaid – Yn Choonseil Slattyssagh no Legislative Council. Tha aona bhall deug air a’ chomhairle sin. ’S iad Ceann-suidhe Tinvaal, Easbaig an eilein, an t-Ard-neach-tagraidh agus ochdnar a th’ air an taghadh leis a’ Cheithir Air Fhichead. Bidh iadsan a’ toirt sùil gheur, is ag atharrachadh ’s a’ leasachadh, reachdas a thig bhon t-seòmar eile.

’S e an treas seòmar Quaaiyl Tinvaal no Tynwald Court, a th’ air a dhèanamh de bhuill an dà sheòmair eile. Bidh iad a’ tighinn còmhla ann an seòmar mòr fa leth turas sa mhìos airson dèiligeadh ri ceistean poileasaidh is ionmhais. Siostam poilitigeach iongantach – ann an eilean iongantach.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Eilean Mhanainn: Isle of Man; riaghladh: government; Taigh nan Cumantan: House of Commons; seòmraichean: chambers; dreuchd: position, profession; iuchraichean: keys; uaireigin: at one time; Ceann-suidhe: President; Ard-neach-tagraidh: Attorney General; treas: third; iongantach: has dual meanings of surprising and wonderful.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: thadhail mi air dà àite: I visited two places; bu chòir dhomh cur nur cuimhne: I should remind you; co-dhiù dhuibhse nach robh a-riamh an: at least for those of you who have never been there; mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte: part of the United Kingdom; ’s i a’ Bhanrigh Tighearna Mhanainn: the Queen is Lord of Mann; a’ coinneachadh fo chabair: meeting indoors; bidh iad a’ tighinn cruinn còmhla: they gather together; ’s gun deach mo thoirt timcheall: that I was taken around; thathar a’ dèanamh dheth: it is said/maintained; saoil cia mheud ball a th’ aca?: how many members do you think they have?; chan eil sin ro dhoirbh: that’s not too difficult; ceithir air fhichead: 24; ma thogras sibh: if you like/prefer; Rìoghachd Mhanainn ’s nan Eilean: The Kingdom of Man and the Isles; rìoghachd mhara: maritime kingdom; trithead ’s a dhà: 32; thug iad ochdnar bhall leotha: they took eight members with them; aona bhall deug: 11 members; Easbaig an eilein: the island’s Bishop; ochdnar a th’ air an taghadh: eight people who are chosen; bidh iadsan a’ toirt sùil gheur: they scrutinise; reachdas a thig bhon t-seòmar eile: legislation that comes from the other chamber; ann an seòmar mòr fa leth turas sa mhìos: in a separate big room once a month; airson dèiligeadh ri ceistean poileasaidh is ionmhais: to deal with questions of policy and finance.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: an còigeamh latha de Jerrey Souree mar a chanas iad fhèin: the fifth day of July as they say themselves. Written Manx looks strange to the Scottish eye because it has a different orthography, but a great deal can be understood if you speak it out loud. Jerrey Souree is Deireadh Samhraidh – the last month of summer. That gives a clue as to the Manx names for May and June. The following are given by Fargher’s dictionary: May is Boaldyn (Bealtainn - Beltane), Toshiaght Souree (Toiseach Samhraidh – the beginning of summer) or Yn chied vee jeh’n Tourey (A’ chiad mhìos dhen t-Samhradh – the first month of summer). June is Mean Souree (Meadhan Samhraidh – the middle of summer) or Mee veanagh y touree (Mìos mheadhanach an t-Samhraidh – the middle month of summer).

Gnàths-cainnt na Litreach

Gnàths-cainnt na Litreach: mus can mi an còrr: before I say anything else.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast