01/05/2006
Letter for those at an early stage in learning Gaelic.
Clip
-
An Litir Bheag 51
Duration: 04:23
An Litir Bheag 51
Anns na seasgadan dhen naoidheamh linn deug, bha Teàrlach MacAoidh ann an New York. Sgrìobh MacAoidh an leabhar The Gaelic Etymology of the Languages of Western Europe. Ann an New York, bha e ag aithris do phàipear-naidheachd ann an Lunnainn. Bha e ag aithris mun Chogadh Chatharra.
Bhris e naidheachd mhòr. B’ e sin gu robh buidheann de nàiseantaich Èireannach anns na Stàitean agus ann an Èirinn. Bha na nàiseantaich seo ag iarraidh ar-a-mach an aghaidh Bhreatainn. Bha na Fianna làidir anns na seasgadan. Bha na mìltean dhiubh ann.
Dh’fhalbh MacAoidh a dh’obair air a cheann fhèin. Bha e a’ sgrìobhadh do phàipearan-naidheachd is irisean. Bha ùidh aige ann an teangaireachd. ’S e sin an t-eòlas air cànanan agus an càirdeas eadar cànanan.
Bha MacAoidh a’ smaoineachadh gu robh freumhan Ceilteach aig mòran fhaclan ann an cànanan Eòrpach. Bha beachd inntinneach aige air na sèistean beaga ann an òrain ann am Beurla is Fraingis. Tha mi a’ ciallachadh le sin rudan mar fàl, là, là, fol de rol agus hey, nonnie, nonnie. Tha na rudan sin cumanta ann an òrain Ghàidhlig. Bha e a’ smaoineachadh gur e criomagan a bh’ annta de sheann òrain. Bha na draoidhean a’ seinn nan òran sin. Bha iad a’ seinn nan òran sin ris a’ ghrèin o chionn dà mhìle bliadhna.
Airson còig bliadhna rinn MacAoidh obair air an leabhar mhòr, The Gaelic Etymology. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an Lunnainn ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a seachd (1877). Ach chaill MacAoidh airgead air.
Thug e òraid seachad turas aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis. Thuirt e gu robh sinnsearachd Ghàidhealach aige. Bha e moiteil às an t-sinnsearachd aige. Is thuirt e gu robh nàire air nach robh Gàidhlig aige.
An do rinn Teàrlach MacAoidh fàbhar don Ghàidhlig leis an leabhar aige? Chan eil mi cinnteach. Cha do rinn Alasdair MacBheathain iomradh sam bith air anns an fhaclair aige fhèin, An Etymological Dictionary of the Gaelic Language. Nochd faclair MhicBheathain cha mhòr fichead bliadhna às dèidh The Gaelic Etymology. Bha ùidh mhòr aig MacAoidh anns a’ chuspair, ceart gu leòr. Ach an robh an sgoilearachd aige math gu leòr? Chaochail e anns an Dùbhlachd ochd ceud deug, ochdad ’s a naoi (1889) ann an Lunnainn.
Faclan is abairtean
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.