
15/05/2006
Letter for those at an early stage in learning Gaelic.
Clip
-
An Litir Bheag 53
Duration: 03:59
An Litir Bheag 53
Tha mi a’ toirt sùil a-rithist air an leabhar aig Seòras Chaluim Sheòrais nach maireann. ’S e an t-ainm a th’ air Muir is Tìr. Bha Seòras à Beàrnaraigh, air taobh an iar Leòdhais. Bha e eòlach air a’ mhuir. Is bha e eòlach air an aimsir.
Seo tòimhseachan dhuibh, stèidhichte air fiosrachadh anns an leabhar: Tha sibh a’ lorg rudeigin air grunnd na mara. Air an rud tha na pìosan seo: crùn, gàirdean, fiacail, bas, amhach, gob, calpa, stoc, gualann is fàinne. Dè th’ anns an rud air grunnd na mara?
A bheil sibh ag aithneachadh nam faclan sin? Crùn – crown. Gàirdean – arm. Amhach – throat. Calpa – shank. Seo an tòimhseachan a-rithist. Tha sibh a’ lorg rudeigin air grunnd na mara. Air an rud tha na pìosan seo: crùn, gàirdean, fiacail, bas, amhach, gob, calpa, stoc, gualann is fàinne. Dè th’ anns an rud air grunnd na mara?
Dè thuirt sibh? “Duine”? Oir tha na rudan sin air daoine. Uill, chan e duine a th’ ann, ach acair. Acair. Rud a cheanglas bàta ri grunnd na mara.
A bheil sibh fhèin eòlach air na sgòthan? Na seòrsaichean sgòthan anns an adhar? Seo trì seòrsaichean. Dè na seòrsaichean a th’ annta? 1. Sgòthan glè àrd. Tha iad geal mìn-shìodach mar itean. Sgòthan glè àrd. Tha iad geal mìn-shìodach mar itean. ’S e sin cirrus. Cirrus. 2. Sgòthan meadhanach àrd. Tha iad cnapach cruinn, sgapte air feadh an adhair. Sgòthan meadhanach àrd. Tha iad cnapach cruinn, sgapte air feadh an adhair. ’S e sin alto-cumulus. Alto-cumulus. 3. Sgòthan ìosal. Tha iad mar chlòimh canaich. Sgòthan ìosal. Tha iad mar chlòimh canaich.’S e sin cumulus. Cumulus.
Agus dè mu dheidhinn seo mar chomharra sìde anns na h-eileanan? Deàlradh na maidne: The too brilliant sunny morning, foretelling showers and rain(!) Chan eil math dhuinn a bhith ro dhòchasach mun aimsir, a bheil?!
Faclan is abairtean
Faclan is abairtean: tha mi a’ toirt sùil a-rithist air: I am looking again at; Seòras Chaluim Sheòrais: George, son of Calum [who was] son of George; Beàrnaraigh: [Great] Bernera; tòimhseachan: tha sibh a’ lorg rudeigin air grunnd na mara: you find something on the seabed; crùn: crown; gàirdean: arm; fiacail: tooth, fluke; bas: palm; amhach: throat; gob: bill; calpa: shank; stoc: stock; gualann: shoulder; fàinne: ring; acair: anchor; rud a cheanglas bàta ri grunnd na mara: a thing that attaches a boat to the seabed; na seòrsaichean sgòthan anns an adhar: the types of clouds in the sky; geal mìn-shìodach mar itean: white [and] silky smooth like feathers; cnapach cruinn, sgapte air feadh an adhair: in globular masses, scattered throughout the sky; mar chlòimh canaich: like cotton wool; dè mu dheidhinn seo mar chomharra sìde anns na h-eileanan?: what about this as a weather-sign in the islands?; deàlradh na maidne: the shining, effulgence of the morning; chan eil math dhuinn a bhith ro dhòchasach mun aimsir, a bheil?!: it doesn’t do us [any] good to be too optimistic about the weather, does it?!
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.