Main content
Sorry, this episode is not currently available

05/06/2006

Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.

Clip

An Litir Bheag 56

Tha stòiridh agam dhuibh à Dùthaich MhicAoidh. Ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a sia (1786) bha Dòmhnall MacAoidh dusan bliadhna a dh’aois. Thogadh e ann an Armadal. Cha robh foghlam aige. Ach bha e comasach air obair croite. ’S e gille dòigheil a bh’ ann.

Latha a bha seo, bha e ri taobh an rathaid. Chunnaic e dithis a’ tighinn. ’S e iasgairean a bh’ annta. Bha iad à Eilean Leòdhais. Bha iad ag obair do chompanaidh Leòdhasach. Bha am bàta aca air na creagan. Bha iad a’ dol gu Loch Eurabol. Bha soitheach eile aig a’ chompanaidh anns an loch sin.

Bhruidhinn iad ri Dòmhnall ann an Gàidhlig. Bha iad ag iarraidh seòladh airson faighinn a Loch Eurabol. Thabhann na h-iasgairean airgead don ghille airson a dhol còmhla riutha don Bhlàran Odhar. Nuair a ràinig iad am Blàran Odhar, thabhann na h-iasgairean airgead a bharrachd do Dhòmhnall. Bha sin airson cumail a dol còmhla riutha.

Mu dheireadh ràinig iad Loch Eurabol. Chaidh Dòmhnall air bòrd an t-soithich. Thug na maraichean deoch làidir dha. Mus robh fios aige dè bha a’ dol, bha an soitheach aig muir. Cha robh fios aig a phàrantan càit an robh e.

Bha e a’ seòladh eadar Rotterdam, Liverpool, Copenhagen, Baile Atha Cliath, Bristol is iomadh port eile. Bha an soitheach a’ toirt bathar eadar na puirt. Chòrd e math gu leòr ri Dòmhnall. Bha e na b’ fheàrr na obair air a’ chroit.

Là a bha seo bha Dòmhnall ann an Steòrnabhagh. Cha robh comas sgrìobhaidh aige. Ach lorg e fear le comas sgrìobhaidh. Chuir am fear sin litir gu pàrantan Dhòmhnaill. Dh’innis e dhaibh gu robh an gille beò. Ach cha tuirt e gu robh Dòmhnall airson teicheadh dhachaigh.

Nuair a bha e gu bhith sia bliadhn’ deug a dh’aois, chuala a phàrantan mu dheidhinn a-rithist. B’ e sin an dàrna turas ann an ceithir bliadhna. Thachair sin faisg air Inbhir Theòrsa. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: tha stòiridh agam dhuibh à Dùthaich MhicAoidh: I have a story for you from the Mackay Country (of N Sutherland); bha Dòmhnall MacAoidh dusan bliadhna a dh’aois: Donald Mackay was twelve years old; cha robh foghlam aige: he was not well educated; ’s e gille dòigheil a bh’ ann: he was a good natured lad; chunnaic e dithis a’ tighinn: he saw two people coming; seòladh airson faighinn a Loch Eurabol: instructions to get to Loch Erribol; bha soitheach eile aig a’ chompanaidh: the company had another vessel; thabhann na h-iasgairean airgead don ghille: the fishermen offered the boy money; airson a dhol còmhla riutha don Bhlàran Odhar: to go with them to Bettyhill; airson cumail a dol còmhla riutha: to keep going along with them; mu dheireadh: finally; thug na maraichean deoch làidir dha: the seamen gave him strong drink; mus robh fios aige dè bha a’ dol: before he knew what was happening; cha robh fios aig a phàrantan càit an robh e: his parents didn’t know where he was; a’ toirt bathar eadar na puirt: taking goods between the ports; chòrd e math gu leòr ri Dòmhnall: Donald enjoyed it well enough; bha e na b’ fheàrr na obair air a’ chroit: it was better than work on the croft; cha robh comas sgrìobhaidh aige: he couldn’t write; cha tuirt e gu robh Dòmhnall airson teicheadh dhachaigh: he didn’t say that Donald wanted to run home; chuala a phàrantan mu dheidhinn a-rithist: his parents heard about him again; b’ e sin an dàrna turas ann an ceithir bliadhna: that was the second time in four years; thachair sin faisg air Inbhir Theòrsa: that happened near Thurso.

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast