![](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/640x360/p0hydr10.jpg)
24/07/2006
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Clip
-
An Litir Bheag 63
Duration: 03:42
An Litir Bheag 63
Bha an Siorram ann an Inbhir Ùige airson a’ mhì-rian anns a’ bhaile a thoirt gu ceann. Chuir e feachd a-mach airson grèim fhaighinn air Raibeart Dòmhnallach. Bha Raibeart à Leòdhas. Bha an Siorram dhen bheachd gun do thòisich e an aimhreit air a bheil “Sabaid Mhòr Inbhir Ùige”.
Ach fhuair Raibeart fios. Theich e. Aig Thrumster, gu deas air Inbhir Ùige, ghabh e coidse thairis. Chaidh e gu Poll Iù anns a’ choidse. Ann am Poll Iù, ghabh e bàta gu na h-Eileanan a-Muigh. Chaidh e am falach ann an Sgìre nan Loch ann an Leòdhas.
Ann an Inbhir Ùige, chùm an Siorram na saighdearan aige am falach. Chaidh innse don mhòr-shluagh gun a bhith a’ dol air na sràidean. Aig deich uairean a dh’oidhche, fhuair an Siorram droch naidheachd. Chaidh grunnan Ghàidheal a shàthadh le sgeinean ann am Pulteneytown. ’S iad gillean às a’ bhaile fhèin a rinn an sàthadh. Gu fortanach, cha deach duine a mharbhadh. Bha poilis is saighdearan a’ coiseachd nan sràidean airson beagan làithean. Ach bha Inbhir Ùige sìtheil.
Cha do dhìochuimhnich na h-ùghdarrasan mu Raibeart Dòmhnallach, ge-tà. Chaidh barantas air a shon a Steòrnabhagh. Ach bha e am falach air na Lochan. Chaidh seachdainean seachad. Cha do thachair dad. Thòisich Raibeart air a dhol a-mach gu cèilidhean. Chuala na poilis mu dheidhinn. Oidhche a bha seo, chaidh dithis phoileas à Steòrnabhagh ann.
Chaidh Raibeart a cheangal le glas-làmh ri fear de na poilis. Thòisich iad air coiseachd a Steòrnabhagh. Bha mòran de mhuinntir na sgìre nan cois. Bha iad uile a’ dol seachad air loch. Thuirt Raibeart gun robh e a’ dol a leum a-steach don loch. Thuirt e gun robh e a’ dol a thoirt a’ phoilis leis. Às dèidh spàirn fhuair Raibeart ma sgaoil. Theich e bhon eilean. Bha e na mharaiche às dèidh sin. Chaidh a bhàthadh ann an Sasainn.
Cha robh fàilte cho cridheil air na h-iasgairean Gàidhealach às dèidh Sabaid Mhòr Inbhir Ùige. Às dèidh sin, cha robh na coitheanalan Gàidhlig anns a’ bhaile idir cho mòr ’s a bha iad roimhe.
Faclan is abairtean
Faclan is abairtean: bha an Siorram ann an Inbhir Ùige airson a’ mhì-rian anns a’ bhaile a thoirt gu ceann: the Sheriff in Wick wanted to bring the disorder in the town to an end; chuir e feachd a-mach: he sent out a force (“flying squad”): gun do thòisich e an aimhreit air a bheil “Sabaid Mhòr Inbhir Ùige”: that he started the riot called “The Great Fight of Wick”; fhuair Raibeart fios: Robert received intelligence; theich e: he fled; ghabh e coidse thairis: he hijacked a coach; ann am Poll Iù, ghabh e bàta gu na h-Eileanan a-Muigh: in Poolewe, he took a boat to the Outer Isles; chaidh e am falach ann an Sgìre nan Loch: he went into hiding in Lochs parish; chaidh innse don mhòr-shluagh gun a bhith a’ dol air na sràidean: the population was told not to go onto the streets; chaidh grunnan Ghàidheal a shàthadh le sgeinean: some Gaels were stabbed with knives; ’s iad gillean às a’ bhaile fhèin a rinn an sàthadh: it’s local lads that did the stabbing; cha deach duine a mharbhadh: nobody was killed; sìtheil: peaceful; cha do dhìochuimhnich na h-ùghdarrasan: the authorities didn’t forget; chaidh barantas air a shon a Steòrnabhagh: a warrant for him went to Stornoway; air na Lochan: in the parish of Lochs; chaidh dithis phoileas à Steòrnabhagh ann: two policemen from Stornoway went there; glas-làmh: handcuffs; bha mòran de mhuinntir na sgìre nan cois: many locals were with them; thuirt Raibeart gun robh e a’ dol a leum a-steach don loch: Robert said he was going to jump into the loch; gun robh e a’ dol a thoirt a’ phoilis leis: that he was going to take the policeman with him; às dèidh spàirn: after a struggle; fhuair Raibeart ma sgaoil: Robert got away; bha e na mharaiche: he was a seaman; chaidh a bhàthadh: he was drowned; cha robh fàilte cho cridheil air na h-iasgairean: the fishermen weren’t so warmly welcomed; cha robh na coitheanalan Gàidhlig cho mòr ’s a bha iad roimhe: the Gaelic congregations weren’t as big as they were previously.
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.