14/08/2006
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Clip
-
An Litir Bheag 66
Duration: 04:23
An Litir Bheag 66
Ann an còig ceud deug is ceathrad (1540), bha Iain Muideartach anns a’ phrìosan. B’ esan ceann-cinnidh Chlann ’ic Ailein. Bha caraid aige, Raghnall Gallta, ag iarraidh a bhith na cheann-cinnidh. Fhuair e taic bho na Frisealaich. Chaidh e gu Caisteal Tioram, prìomh chaisteal Chlann ’ic Ailein. Ach cha robh an cinneadh ga iarraidh. Chaidh e dhachaigh don Mhanachainn.
Fhuair Iain Muideartach a-mach às a’ phrìosan. Chuir e feachd ri chèile. Bha e ag iarraidh stad a chur air Raghnall. Bha Iarla Hunndaidh an sàs ann cuideachd. Bha arm aige. Bha na Frisealaich còmhla ris. As t-samhradh còig ceud deug, ceathrad ’s a ceithir (1544), thachair iad ri Iain Muideartach.
Bha còmhradh ann eatarra. Dh’aontaich iad dhol dhachaigh gun sabaid. Dh’fhalbh na Frisealaich tron Ghleann Mhòr. B’ e sin an rathad don Mhanachainn. Ach bha Iain seòlta. Cha deach e dhachaigh. Chaidh e gu ceann a tuath Loch Lòchaidh – anns a’ Ghleann Mhòr. Bha còig ceud saighdear aige. Bha iad a’ feitheamh ris na Frisealaich. Bha Raghnall Gallta am measg nam Frisealach.
Bha am batail ann am meadhan an Iuchair. Bha an latha uabhasach teth – dìreach mar a bha i ann am meadhan an Iuchair am-bliadhna. Bha lèana mòr aig ceann Loch Lòchaidh. Nuair a rà inig na Frisealaich an lèana, thug Clann ’ic Ailein ionnsaigh orra. Bha sabaid mhòr ann. Bha bàs uabhasach ann. Chaill na ceudan am beatha. Agus chaidh Raghnall Gallta a mharbhadh.
Thathar ag rà dh gun robh an latha cho teth ’s gun do reub na saighdearan an lèintean dhiubh. Agus gur e sin a tha a’ fà gail Blà r na Lèine (Field or Battle of the Shirt) air mar ainm. Bha lèintean nan saighdearan marbha air a’ bhlà r às dèidh là imh.
Tha cuid eile ag rà dh gun do thilg na saighdearan am fèilidhean dhiubh. ’S e dìreach lèintean a bh’ orra nuair a bha iad a’ sabaid. Tha sin a’ fà gail gur e Blà r na Lèine a th’ air mar ainm. Tha cuid eile ag rà dh nach eil an dà stòiridh sin fìor. Tha iadsan ag rà dh gur e Blà r na Lèana an t-ainm ceart – the Field or Battle of the Swampy Meadow.
Uill, cò aige tha fios. ’S e latha uabhasach a bh’ ann. Tha daoine ag rà dh gun robh uisge an locha dearg le fuil às dèidh là imh.
Faclan is abairtean
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.