28/05/2007
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Clip
-
An Litir Bheag 106
Duration: 03:55
An Litir Bheag 106
Bidh deich bliadhna ann an ath-mhìos bhon a fhuair muinntir Eige sealbh air an eilean aca. Bha iad ag iarraidh an t-eilean a cheannach bhon uachdaran, Keith Schellenberg. Ach cha robh esan deònach a reic dhaibh. Anns a’ Mhà rt naoi ceud deug, naochad ’s a còig (1995), chuala na h-Eigich droch naidheachd. Bha an t-eilean air a reic.
Reic Keith Schellenberg Eige airson £1.6 millean. Cheannaich neach-ealain Gearmailteach e. B’ esan Marlin Eckhart. ’S e am far-ainm a bh’ air – Maruma.
Cò bh’ ann am Maruma? Bha cuid ag rà dh gur e adhradair-teine a bh’ ann. Cha robh fios aig daoine ciamar a fhuair e an t-airgead aige. Is cha robh fios aca carson a cheannaich e Eige.
’S e fear mòr a bh’ ann. Bha e a’ smocadh fad na h-ùine. Gheall e airgead mòr a chosg air an eilean. Ach cha robh daoine cinnteach mu dheidhinn. Thachair seo mus robh Pà rlamaid na h-Alba ann am bith. Ach nochd an suidheachadh ann an Taigh nan Cumantan. Ge-tà , cha do rinn an Riaghaltas ann an Lunnainn dad.
Anns an Iuchar, naoi ceud deug, naochad ’s a sia (1996), nochd Eige air a’ mhargaidh a-rithist. Bha Maruma ag iarraidh £2 mhillean. Anns an Lùnastal, thòisich Urras Eige air airgead a chur ri chèile airson an t-eilean a cheannach. Thà inig na mìltean notaichean a-steach. Thà inig an t-airgead bho dhaoine air feadh an t-saoghail.
As t-Samhain bha £1.2 millean aig an Urras. Ach cha robh sin gu leòr do Mharuma. Dhiùlt e an tagradh. Dh’fhà g e an t-eilean air a’ mhargaidh. Bha e fhathast ag iarraidh £2 mhillean not. Ach bha a’ chùis a’ tighinn gu ceann. Bha neach-creideis aig Maruma ag iarraidh airgead air ais. B’ e sin airgead a thug e do Mharuma mar iasad. Reic Maruma an t-eilean airson an t-airgead fhaighinn.
Anns a’ Ghiblean, naoi ceud deug, naochad ’s a seachd (1997), chuir Urras Eige £1.5 millean air a’ bhòrd. Chaidh gabhail ris. Fhuair na daoine sealbh air an eilean air an dà rna latha deug dhen Ògmhios. Bha ceilidh mòr mòr aca air an oidhche sin!
Faclan is abairtean
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.