23/07/2007
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.
Clip
-
An Litir Bheag 114
Duration: 03:33
An Litir Bheag 114
Chan eil Eilean Mhanainn mar phà irt dhen Rìoghachd Aonaichte. Tha e co-cheangailte ris a’ Chrùn, ge-tà . ’S i a’ Bhanrigh Tighearna Mhanainn. Ach chan eil ball pà rlamaid Manainneach ann an Taigh nan Cumantan. Tha pà rlamaid aca fhèin.
’S e Tinvaal ainm na pà rlamaid. No Tynwald ann am Beurla. Nuair a bha mi anns an eilean, chaidh mi gu dà à ite co-cheangailte ri Tinvaal. B’ iad sin taigh na pà rlamaid agus Cronk Keeill Eoin – no Cnoc Cill Eòin. Tha taigh na pà rlamaid ann an Doolish, am prìomh bhaile. Agus air Cronk Keeill Eoin – no Tynwald Hill – bidh a’ phà rlamaid a’ coinneachadh a-muigh. Tha sin a’ tachairt air aon latha anns an Iuchar gach bliadhna. An còigeamh latha dhen Iuchar. Latha Nà iseanta Eilean Mhanainn.
Tha trì seòmraichean ann an Tinvaal. Bha mi anns a h-uile seòmar còmhla ri fear air a bheil Speaker of the House of Keys. ’S e ainm annasach a tha sin – House of Keys. Tha iad ag rà dh gun tà inig e bho Ghà idhlig Eilean Mhanainn. Anns a’ Ghà idhlig aca, ’s e Yn Kiare As Feed. Tha sin a’ ciallachadh An Ceithir Air Fhichead. The twenty-four. Agus saoil cia mheud ball a th’ aca? Seadh – ceithir air fhichead – no fichead ’s a ceithir.
Bha barrachd na sin ann nuair a bha eileanan na h-Alba mar phà irt de Rìoghachd Mhanainn ’s nan Eilean. Aig an à m sin bha trithead ’s a dhà buill sa phà rlamaid. Bha sia duine deug ann à Eilean Mhanainn. Agus bha sia-deug eile ann à eileanan na h-Alba – Leòdhas, an t-Eilean Sgitheanach, Muile agus Ìle. An-diugh tha dìreach fichead ’s a ceithir ann. Agus chan eil duine ann à eileanan na h-Alba.
Tha dà rna seòmar sa phà rlamaid – Yn Choonseil Slattyssagh no Legislative Council. Tha aona bhall deug air. ’S e an treas seòmar Quaaiyl Tinvaal no Tynwald Court, a th’ air a dhèanamh de bhuill an dà sheòmair eile. Bidh iad a’ tighinn còmhla turas sa mhìos. ’S e siostam poilitigeach iongantach a th’ aca ann an Eilean Mhanainn.
Faclan is abairtean
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.