Main content
Sorry, this episode is not currently available

1/10/2007

Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIllEathain.

Clip

An Litir Bheag 124

Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mun dàn – ’S Math an Còcaire an t-Acras. Chaidh a sgrìobhadh le Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhàrr. Bha sin ann an ceithir cheud deug, trithead ’s a h-aon (1431), às dèidh Blàr Inbhir Lòchaidh.

Nise, bha dà bhlàr ainmeil air an làraich sin. Bha fear ann an ceithir cheud deug, trithead ’s a h-aon (1431). Agus bha fear eile ann an sia ceud deug, ceathrad ’s a còig (1645). An-dràsta, tha mi dìreach airson sùil a thoirt air an fhear anns a’ chòigeamh linn deug.

Co-dhiù, seo a’ chiad rann dhen dàn a-rithist:

’S math an còcaire an t-acras,

’S mairg a nì tarcais air biadh,

Fuarag eòrn’ à sàil mo bhròige

Biadh as fheàrr a fhuair mi riamh.

Bha am batail ann an Inbhir Lòchaidh eadar an Rìgh – Seumas I – agus na Dòmhnallaich. Bha Iarla Mhàrr air taobh an Rìgh. Ach chaill iad. Chaidh an t-iarla a leòn. Theich e bhon bhlàr. Bha e dà latha gun bhiadh.

Thachair e ri boireannaich a bha ri buachailleachd. Dh’iarr e air na boireannaich biadh a thoirt dha. ’S ann an uair sin a fhuair e fuarag eòrna. Mheasgaich e min-eòrna le uisge anns a’ bhròig aige fhèin. Am biadh as fheàrr a fhuair e riamh – oir is math an còcaire an t-acras.

Chuir an t-iarla aodach boireannaich air. Rinn e air Gleann Ruaidh. Fhuair e cuid-oidhche aig fear Ó Birein. Air an làrna-mhàireach, thug e taing mhòr do Ó Birein. Chaidh e dhachaigh gu Cionn Droma ann an Siorrachd Obar Dheathain.

Ach ciamar a dh’èirich am batail anns a’ chiad dol a-mach? Uill, ann an ceithir cheud deug, fichead ’s a seachd (1427) bha coinneamh mhòr ann an Inbhir Nis. Dh’iarr an Rìgh air na cinn-chinnidh Ghàidhealach coinneachadh ris. Bha na cinn-chinnidh a’ smaoineachadh gun robh an Rìgh a’ dol a chur fàilte orra. Ach cha do chuir. Chaidh na cinn-chinnidh a chur an grèim. Chaidh feadhainn dhiubh a

chur gu bàs. Chì sinn anns an ath Litir mar a dh’èirich Blàr Inbhir Lòchaidh air sgàth sin.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: bha mi ag innse dhuibh mun dàn: I was telling you about the poem; ’s math an còcaire an t-acras: hunger is a good cook; Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhàrr: Alexander Stewart, Earl of Mar; Blàr Inbhir Lòchaidh: The Battle of Inverlochy; bha dà bhlàr ainmeil air an làraich sin: there were two famous battles on that site; tha mi dìreach airson sùil a thoirt air an fhear anns a’ chòigeamh linn deug: I only want to look at the one in the 15th Century; ’s mairg a nì tarcais air biadh: woe to him who disdains food; à sàil mo bhròige: from the heel of my shoe; biadh as fheàrr a fhuair mi riamh: the best food I ever got; chaidh an t-iarla a leòn: the earl was wounded; dà latha gun bhiadh: two days without food; thachair e ri boireannaich a bha ri buachailleachd: he met women who were herding cattle; dh’iarr e air na boireannaich biadh a thoirt dha: he asked the women to give him food; mheasgaich e min-eòrna le uisge anns a’ bhròig aige fhèin: he mixed barley meal with water in his own shoe; chuir an t-iarla aodach boireannaich air: the earl put a woman’s clothes on; rinn e air Gleann Ruaidh: he made for Glen Roy; Cionn Droma ann an Siorrachd Obar Dheathain: Kildrummy in Aberdeenshire; ciamar a dh’èirich am batail anns a’ chiad dol a-mach?: how did the battle arise in the first place?; dh’iarr an Rìgh air na cinn-chinnidh Ghàidhealach coinneachadh ris: the King asked the Highland clan chiefs to meet him; chaidh na cinn-chinnidh a chur an grèim: the clan chiefs were arrested; chaidh feadhainn dhiubh a chur gu bàs: some of them were executed; air sgàth sin: as a result of that.

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast