
le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.
B' à bhaist gum biodh aran-milis ga thoirt seachad tric aig an à m seo den bhliadhna, ged a b' ann ann an tionaichean tartainn neo air fhuine aig an taigh. Bha triùir a bhios a dèanamh an aran-mhilis aca fhèin ann an còmhradh ri Cathy mun dòigh as fheà rr a dhèanamh.
Bha a'phlanaid Bhèineas ri faicinn gu soilleir san iarmailt oidhche Haoine sa chaidh. Tha dùil gur e mìos air leth a bhios againn tron Fhaoilleach, a thaobh sealladh soilleir fhaighinn air reultan agus planaidean. Bha Aonghas Dòmhnallach, aig a bheil ùidh mhòr annta, ag innse an tuilleadh mu carson a tha seo a tachairt an-drà sta agus dè bhios ri fhaicinn air oidhcheannan soilleir.
Bha Seònaid Boydell, a tha air a bhith ag aithris air naidheachdan Frangach fad iomadach bliadhna, a' beachdachadh air mar a tha saoghal poilitigeach na Frainge air atharrachadh bho thòisich i ag aithris - agus Jean-Marie le Pen, seann cheannard an fhìor là imh-dheis, air bà sachadh.
Agus le bliadhna eile a-nise air fà ire againn - a bheil sibh air mìosachain ùra a cheannach fhathast? Bha ceathrar cuide ri Cathy aig a bheil deagh fheum air na mìosachain aca son iomadach rud a chuimhneachadh neo a chomharrachadh. Agus tha iad uile le 'm beachdan fhèin air na rudan as deatamaiche bhios orra, bhon an tìde-mhara gu là ithean-saora!
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 12 Jan 2025 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal