Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Còmhla ris an Urr Ruairidh I Caimbeul, an Eaglais Shaor

Seirbheis còmhla ris an Urr Ruairidh Iain Caimbeul bhon Eaglais Shaor. Gaelic service conducted by Rev Roddy John Campbell, retired minister Free Church Tolsta.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 84: 11-12 air fonn Moravia agus 's e Dòmhnall N Màrtainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist.
Salm 85: 12-13 air fonn Kilmarnock agus 's e an t-Urr Dòmhnall MacCoinnich a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Eòin ann an Dùn Èideann.
Salm 68: 18-19 air fonn Torwood agus 's e Iain Murchadh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath

Leughadh: Lùcas 13: 1-9
Ceann-teagaisg: Lùcas 13: 3

Rugadh is thogadh Mgr Caimbeul ann am baile Lìonail ann an Nis. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd bha e na iar-mhanaidsear airson còig bliadhna deug air aon de bhùithtean a' Cho-op ann a Steòrnabhagh. Thill e air ais dhan sgìre aige fhèin às dèidh sin, far an robh e ag obair aig Comunn Eachdraidh Nis airson trì bliadhna. Rinn e ceum tron Oilthigh Fhosgailte agus às dèidh sin chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1996. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath ann an 1999 agus leig e dheth a dhreuchd ann an 2021. Tha Mgr Caimbeul air tilleadh a dh’fhuireach ann an Nis agus e gu mòr an sàs ann an obair a' Chomunn Eachdraidh a-rithist.

Release date:

30 minutes

On radio

Sun 5 Jan 2025 09:00

Broadcasts

  • Sun 5 Jan 2025 09:00
  • Sun 5 Jan 2025 15:00