le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na Bliadhna. Highlights from this year's Naoi gu Deich.
Gach Sà baid, tha taghadh againn dhuibh de chuid de na bh' air Naoi gu Deich na seachdain sa. An t-seachdainsa tha sinn a'toirt sùil air ais air a bhliadhna air fad.
As a Ghearran bhruidhinn sinn air an t-à ite as annasaiche anns an cuala daoine Gà idhlig ga bruidhinn? Air Seachdain na Gà idhlig, bha sinn a' cluinntinn bho fheadhainn a chuala i ann an à itichean gu math à raid - ann an lioft ann a St Petersburg, ann an coille iomallach ann an Àstrà ilia agus ann an ceà rnaidh na dhà eile!
Chaidh pasgan ùr a chruthachadh air-loidhne, anns na h-Eileanan an Iar, de bhucais an oir a' rathaid, a tha a' reic ghnothaichean leithid cèicichean, silidh, uighean is eile. Chuala sinn bho fheadhainn a tha ris agus bho chuid a leig seachad e sgà th 's na bha de stuth ga ghoid.
Cuimhneachain òige is obrach air Campa an Iar Bheinn nam Fadhla còmhla ri Seonag Nic a' Ghobhainn agus Iain MacRuairidh, is campa an airm a-nise ga leagail.
Cha bheag na chunnai sinn de cheò agus de dh'uisge air an t-samhradh. Bha uair ann nuair a bha conachagan gan sèideadh air tìr faisg air cladaichean cunnartach agus taighean-solais nuair a bhiodh ceò gu math tiugh ann. Bha Mairianna NicChoinnich a' bruidhinn ri daoine mu na cuimhneachain a th' aca fhèin air na conachagan air tìr.
Agus bha ceathrar aig a bheil deagh chuimhneachain air crodh bhainne agus a bhith a' dèanamh gruth cuide ri Cathy - beagan dhen chòmhradh an-diugh.
On radio
Broadcasts
- Sun 29 Dec 2024 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Jan 2025 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal