Còmhla ri Mgr Earraig bho Eaglais Naomh Anndra, Eilean Bhoid
Seirbheis ron Nollaig còmhla ri Mgr Earraig, Eaglais Naomh Anndra, Eilean Bhoid. Fr Jarosław Kwiecień, St Andrew's Rothesay with a service in preparation for Christmas.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
Còisir Eaglais Naomh Barr a’ seinn Nach Tig thu Naomh Messiah
Ruairidh MacIllFhinnein a’ seinn A Rìgh nan Ainglean
A’ seinn Ann am Baile Rìoghail Dhaibhidh bha Anna Nic na Ceardaich
Pòl MacCaluim a’ seinn Adeste Fideles
Leanabh an Àigh air a' sheinn le Joanne Mhoireach
Còisir Eaglais Naomh Chaluim Chille a’ seinn Ainglean Chuala sinn gu h-Àrd
Leughadh: Lucas 2: 22-24
'S ann à baile Koszalin air a’ chosta Bhaltaigeach ann an ceann a tuath na Pòlainne, a tha Mgr Earraig. Tha e air a bhith na shagart còrr air fichead bliadhna. Bha e an toiseach ann am paraiste mòr san sgìr-easbaig aige agus às dèidh dà bhliadhna chaidh a chur dhan Ròimh. Bha e an sin airson seachd bliadhna agus thug e a-mach ceum PhD ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thìll e dhan Phòlainn còrr is deich bliadhna air ais, thòisich e aig obair anns a’ cholaiste far am bithear a’ trèanadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairtean. Bha e cuideachd a’ teagasg patristics agus Laideann ann agus mu dheireadh bha e na cheannard air a' Cholaiste.
A thaobh a' cheangal a th’ aig Mgr Earraig ris a’ Ghà idhlig, mar a thuirt e fhèin,“ ‘S e sgeul gaoil a tha sin.â€
Nuair a bha e anns an Ròimh dh’fhuirich e ann an Colaiste nan Albannach agus bhon a’ chiad bhliadhna a bha e an sin, thòisich e air tighinn a dh’Alba gus cobhair a thoirt do shagairtean ann an diofar pharaistean. Bha Alba a’ còrdadh ris gu mòr agus thadhail e air tòrr à iteachan ann an Alba agus rinn e tòrr charaidean. Beagan bhliadhnaichean air ais, mar a thuirt e, “là ndaig mi anns na h-eileanan agus thachair mi ris a’ Ghà idhlig.â€
Dh'ionnsaich e an cà nan tro chùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, ann am Flòdaigearraidh agus air-loidhne. Bha miann aige a thighinn a dh'fhuireach a dh'Alba agus an-uiridh thà inig Mgr Earraig gu Sgìr' Easbaig Earra-Ghaidheal 's nan Eilean na shagart. Bha e an toiseach na shagart-cuideachaidh ann an Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban ach, na bu trà ithe am-bliadhna, às dèidh bàs Mhgr Ruairidh MhicIain, chaidh Mgr Earraig a dh'Eilean Bhòid na shagart-paraiste ann an Eaglais Naomh Anndra.
On radio
Broadcasts
- Tomorrow 09:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Tomorrow 15:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal