le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.
Fhuair sinn lèirmheas John Neil Dòmhnallach air a' film Conclave bho an stiùiriche Edward Berger. Sgeulachd ficsein, là n foill agus cealgaireachd, mu strì os iosal a tha a' dol eadar buidheannan sa Vatican 's iad ag ullachadh airson Pà p ùr a thaghadh.
Thèid rannsachadh as ùr a’ dhèanamh aig là raich far a bheil carraighean-adhlaic ann an Alba. Tha à rc-eòlaichean dhen bheachd gun deach aitichean-adhlacaidh sònraichte a thogail le feadhainn a bha beò aig à m nuadh-chreagach . Bha Coinneach MacIlleathain ann an còmhradh ri Cathy mun a seo.
Chuala sinn bho Anna Mhà rtainn, Cèiliche na Seachdain. 'S ann às an t-Eilean Sgitheanach a tha Anna 's tha i direach air à ite a chosnadh air à rd liosta de luchd-ciùil traidiseanta na h-Alba. Tha ceòl agus seinn air a bhith ga cuairteachadh fad a beatha. Chuir i ùine seachad ann an Afraga an cois tuathanaich agus i air siubhal gu iomadh à ite eile cuideachd.
Ciamar a bhios sibhse a' sgeadachadh an taighe aig à m na Nollaig? Bha aoighean ann an còmhradh ri Cathy mu na bhios iad fhèin a dèanamh.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcast
- Sunday 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal