le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.
Tha Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba air liosta ùr fhoillseachadh dè na pìosan lìtreachais a thathar air taghadh airson sgoilearan a tha dèanamh cursaichean Beurla National 5 agus Beurla aig Àrd Ìre. Chuala sinn bho Dòmhnall S Moireach mar a tha an dealbh-chluich Sequamur, a’ sgrìobhadh e fhèin, an luib na sgrìobhaidhean a chaidh a thaghadh as ùr . Thug a neach-teagaisg Catriona Dunn agus an sgrìobhaiche Shelagh Chaimbeul beachd air dè cho cudromach sa tha an liosta agus fhuair sinn cuimhneachain bhuapa air na pìosan litreachas a leugh iad fhèin nuair a bha iad san sgoil.
Tha prògram telebhisean ùr, air a seanail Discovery Plus a leantail beatha là itheil Jacob Rees Mogg 's an teaghlach aige. Tha Rees Mogg gu math aithnichte mar fhear a bha na bhall-pà rlamaid Tòraidheach. Bha an te-naidheachd Anna NicLeòid a' coimhead Meet the Rees-Moggs.
Bha Calum Steele, a bha na Àrd-Rùnaire air Caidreachas a' Phoileis an Alba, a' mìneachadh dè na laghan 's na riaghaltean a tha mu chuairt ghunnaichean 's an dùthaich.
Bha Magaidh NicDhòmhnaill air chuairt aig Eaglais Cholm Chille ann a Steòrnabhagh, 's iad a' comharrachadh 230 bliadhna.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 8 Dec 2024 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal