Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat.

Gach bliadhna, tha cothrom aig muinntir baile Steòrnabhaigh taic-airgid fhaighinn bho Urras air a bheil The Stornoway Welfare Fund. 'S ann do dhaoine nas seanna a tha'n t-airgead ga thoirt seachad, son cuideachadh le cosgaisean dachaigh 's gu h-àraid cosgaisean connaidh. Tha Fear-Cathrach Chomhairle nan Eilean Siar, Coinneach MacLeòid a' mìneachadh dè direach a th' anns an Urras, cò as a thàinig e gu h-eachdreidheil agus air an iarrtas a th' air èirigh as ùr, gun tèid a leudachadh gu criochan a bhaile gu h-iomlan.

Chunnaic sinn air na naidheachdan an t-seachdain'sa , na thachair 's A' Chuimrigh nuair a bhris pìos mòr rathad as a chèile, 's e air a shlugadh sìos gu doimhneachd na talmhainn. Dè cho bitheanta 's a tha slochdan dhen t-seòrsa seo agus dè tha gan aòbharachadh?

Tha Rona Wilkie agus Catriona Tinney a' toirt beachd air an taisbeanadh, Stitched: Scotland's Embroidered Art a tha an dràsta ri fhaicinn aig an Dovecot ann an Dùn Èideann.

'S tha Magaidh NicDhòmhnaill air chuairt aig Eaglais Cholm Chille ann a Steòrnabhagh, 's iad a' comharrachadh 230 bliadhna.

14 days left to listen

57 minutes

Last on

Thu 5 Dec 2024 22:25

Broadcasts

  • Thu 5 Dec 2024 09:00
  • Thu 5 Dec 2024 22:25