Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.

B' e sgeulachd làidir dha-rìribh a bh' aig a' chraoladair Ruairidh MacÌomhair mu bhith a' strì le deoch-làidir agus drugaichean na bheatha - is a shlighe gu ath-shlànachadh - air Eòrpa na seachdain. Diciadain, thàinig dithis aig an robh an sgeulachdan làidir fhèin ceangailte ri bhith faighinn seachad air grèim na dibhe air a' phrògram còmhla ri Cathy. B' iadsan Seònaid Dhòmhnallach, agus an t-Urr. Dòmhnall Mìcheil MacAonghais, agus 's math as fhiach an cothrom fhaighinn èisteachd a-rithist.

Choinnich am boireannach as àirde agus as lugha san t-saoghal an t-seachdain sa chaidh, le deilbh a ghlac aire iomadach duine air feadh nam meadhanan. Fhuair Cathy facal air an t-Oll. Alasdair MacChoinnich bho Oilthigh Obar Dheathain - gus freagairt na ceist: gu dè an ìre a tha d' àirde "anns na daoine"...

Cothrom eile èisteachd cuideachd ri còmhradh air rud a tha uabhasach càileir ann an truinnsear na maidne air stairsich na Dùbhlachd: lit. Dè bhios aig Seonag Nic a' Ghobhainn, Eilidh Daniels, agus Coinneach Moireasdan leis?

Agus cothrom eile èisteachd ri earran den chòmhradh le cèiliche na seachdain Diciadain - Dòmhnall Bàn Dòmhnallach. Fear-teagaisg agus fear-cluiche na pìoba air leth comasach agus tàlantach, a th' air taic a thoirt do iomadach pìobaire òg sna h-eileanan.

10 days left to listen

57 minutes

Last on

Sun 1 Dec 2024 12:00

Broadcast

  • Sun 1 Dec 2024 12:00