
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat.
Aig cuirm ann a Lunnainn a' comharrachadh Clà ran an t-Saoghail aig Guinness bho chionn ghoirid, choinnich am boireannach as à irde san t-saoghal ris an tè as lugha. Tha còrr air seachd troighean a dh'à irde ann a Rumeysa Gelgi às an Tuirc ach chan eil ann a Jyoti Amge às na h-Innseachan ach 62cm a dh'à irde. Tha an t-Ollamh Alasdair MacChoinnich, a tha na eòlaiche gintinneachd, a' toirt sùil air dè a tha gar riaghladh nuair a thig e gu à irde.
Tha aoighean ann an còmhradh ri Cathy mu na trà chdasan inntinneach a thagh iad fhèin mar chuspair rannsachaidh. Tha Diorbhail Wentworth air pà ipear a sgrìobhadh mu bhanachdach do rabies ann an Ceinia 's tha Moira Piazzoli air a bhith a' rannsachadh beul-aithris co-cheangailte ri bothain-à irigh.
Tha bùth ainmeil, Tam Shepherd's Trick Shop air dùnadh ann an Glaschu an dèidh 138 bliadhna sa bhaile. Tha Artair Donald a' coimhead air ais air eachdraidh na bùtha agus a' cuimhneachadh air na turais a thadhail a fhèin innte.
Chuala sinn an-dè gun do chaochail an t-ùghdar ainmeil, Barbara Taylor Bradford, aig aois 91. Na là , bha i aithnichte mar grand-dame na 'blockbusters'. Tha Faye NicDiarmid a' coimhead air ais air a beatha.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 26 Nov 2024 09:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Tue 26 Nov 2024 22:25Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal