le Cathy NicDhòmhnaill.
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat.
Tha taisbeanadh ùr air fosgladh ann an Dùn Èideann de dhealbhan camara bho tasglann Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba. Tha "Celebrating 40 Years of Scotland’s Photography Collection” a’ comharrachadh dà fhichead bliadhna bhon a chaidh cruinneachadh oifigeal de dhealbhan camara a chuir air dòigh. Tha dealbhan ann a dol air ais chun Naoidheamh Linn Deug ‘s a ruith chun là an diugh. Tha Cathy air chuairt aig Gailearaidh Nàiseanta Pòrtraid na h-Alba an-diugh, an cois John Neil Dòmhnallach son sùil a thoirt mu chuairt.
Na bu tràithe am bliadhna, chaidh leabhar ùr mu bhoireannaich nan Eilean Siar fhoillseachadh - Women of the Hebrides /Ban-eileanaich Innse Gall: Stories of Strength and Courage, a bh' air a chur ri chèile le Joni Bochanan à sgìre Uig ann a Leòdhas. Thar iomadh bliadhna, tha Joni air a bhith a' tional sgeulachdan agus cuimhneachain bhoireannach - eachdraidh shòisealta agus stòiridhean pearsanta, prìseil bho air feadh nan Eilean Siar. An-diugh, cothrom eile èisteachd ris an còmhradh a rinn i le Cathy mu dheidhinn agus cluinnidh sinn guthan nam ban fhèin ann an criomagan bho na clàraidhean a rinn i fhèin còmhla riutha.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 21 Nov 2024 09:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Thu 21 Nov 2024 22:25鶹Լ Radio nan Gàidheal