Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Iain M Dòmhnallach

Seirbheis còmhla ris an Urr Iain M Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Gaelic religious service conducted by Rev Iain Murdo MacDonald, Church of Scotland, Tarbert.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 86: 15-16 air fonn Evan agus 's e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh ann an Eaglais Shaor a' Bhac.
Salm 89: 15-16 air fonn Torwood agus 's e Iain A Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 16: 5-7 air fonn New London agus 's e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas.

Leughadh: Romanaich 8: 31-39

'S ann do sgìre Bheàrnaraigh a bhuineas Iain Murchadh Dòmhnallach agus chaidh e dhan sgoil san sgìre sin mus deach e a Steòrnabhagh airson foghlaim aig àrd-ìre ann an Sgoil MhicNeacail agus Colaiste a' Chaisteil.

Rugadh agus thogadh Iain Murchadh air croit agus cha robh e na shrainnsear dhan obair chruaidh a bha ri dhèanamh air a' chroit. Bha obair pàirt-ùine aige còmhla ri Roinn na Tèarainteachd Shòisealta agus bha cosnadh cuideachd aige aig aon àm ann an Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar.

Dh'atharraich beatha Iain Murdo ann an 1989 agus fhuair e eòlas air beatha a' Chrìosdaidh. Bho thàinig an t-atharrachadh sin na bheatha, bha e a' faireachdainn gum bu chòir dha ceumannan eile a ghabhail agus a dhol a dh'ionnsachadh na ministrealachd. Ann an 1995 chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig Oilthigh Obar Dheathain agus an dèidh a thrèanaidh, chuir e seachad mu bhliadhna gu leth aig Àrd-eaglais Steòrnabhaigh. Ann an 2001 fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Nis agus agus dh'fhuirich e an sin gus an do ghluais e gu coitheanal an Tairbeirt anns na Hearadh.

Tha Iain Murchadh pòsta aig Alison NicDhòmhnaill agus tha triùir chloinne aca.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 17 Nov 2024 09:00
  • Sun 17 Nov 2024 15:00