Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat.

Chunnaic sinn strì a-dol taobh a-muigh Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann an t-seachdain'sa , le daoine cuir an aghaidh dà raon ola ùr, a th' anns an amharc far costa Shealtainn agus a-mach à Obar Dheathann. An tig an t-àm as an dèan sinn a chùis as aonais ola?

Tha dùil gum bi tuathanaich a' caismeachd an ath sheachdain cuideachd, an aghaidh "Tractor Tax". Dè direach a th' ann agus dè tha dèanamh dragh do thuathanaich?

Tha dà chiad bliadhna ga chomharrachadh a-màireach, bhon a chaidh baile Dhùn Èideann na smàl, ann an teine a mhair làithean. Gu h-iongantach , bha seirbheis smàlaidh direach air ùr stèidheachadh ‘s a bhaile – a chiad seirbheis baile a bha riamh an àite sam bith ‘s a rìoghachd. Tha Cathy air chuairt, an cuideachd Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein agus Iain MacChoinnich, aig taisbeanadh a tha comharrachadh na thachair.

Chuala sinn bho chionn co-là-deug mar a chaidh luach trì chiad mìle not de chàis a ghoid à bùth ann a Lunnainn. Dè tha fàgail càis cho luachmhòr agus càite is ciamar a tha an fheadhainn as prìseil ‘s an t-saoghal gan dèanamh? Tha an còcaire Alasdair MacLeòid air a bhith rannsachadh.

57 minutes

Last on

Thu 14 Nov 2024 22:25

Broadcasts

  • Thu 14 Nov 2024 09:00
  • Thu 14 Nov 2024 22:25