Main content
This programme will be available shortly after broadcast

A' comharrachadh ceud bliadhna bho stèidhicheadh bailtean Ghabhsainn 's Mhealboist a Leòdhas. Commemorating 100 years since the establishment of the Galson community in Lewis.

'S e te de bhailtean ùra na Gàidhealtachd a bh’ ann an Gabhsann. Bha na daoine air an sguabadh às a’ cheàrnaidh seo de cheann an iar thuath Leòdhais, mar a chaidh am fuadach à iomadh ceàrnaidh dhen Ghàidhealtachd ‘s nan Eilean tron naodhamh linn deug. Bha an t-àite air a ghabhail thairis le stoc nan uachdaran ‘s gu dearbha chaidh èirigh nan aghaidh. Ach b’ ann an dèidh a’ Chogaidh Mhòir, nuair a chaidh daoin’ air an casan a-rithist, a chaidh an talamh a bhriseadh ‘s a chuireadh a-mach na chroitean do dhaoine.

Bha ceud bliadhna air a' bhliadhna a dh'fhalbh, bhon uairsin.

An-diugh, tha sinn a' cluinntinn criomag bhon tasglann againn, bho 1989, nuair a chaidh Joan Alice NicÌomhair mu chuairt taigh an tac còmhla ri Aonghas Fionnlasdan.

Agus tha Mairianna NicChoinnich a-muigh am measg an fheadhainn a chruinnich aig toiseach na Samhain airson a' chàrn-cuimhneachaidh ùr, Na Dorsan, fhosgladh gu h-oifigeil.

30 minutes

On radio

Thu 2 Jan 2025 17:00

Broadcasts

  • Mon 11 Nov 2024 15:30
  • Wed 13 Nov 2024 20:00
  • Sun 17 Nov 2024 10:00
  • Thu 2 Jan 2025 17:00
  • Sun 5 Jan 2025 15:30
  • Sun 5 Jan 2025 21:30