le Cathy NicDhòmhnaill
Air a' latha às dèidh an taghaidh sna Stà itean - cò ris a tha cùisean a' coimhead coltach? A look at how the US election has shaped up on the morning after the vote.
Am measg an iomadach duine - ann an Ameireaga agus air feadh an t-saoghail - a th' air a bhith an à rd feadh na h-oidhche a' cumail sùil air bhòt ceann-suidhe nan Stà itean, tha Iain X MacÌomhair agus Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn. Ciamar a chaidh an oidhche, cò ris a tha na toraidhean coltach, agus an deach iad innte neo robh iad air am beò ghlacadh gu seo? Sin cuid de na ceistean a bhios aig Cathy dhaibh air a' latha às deidh an taghaidh.
'S ann air saoghal an teicneòlais a tha Dòmhnall Iain Dòmhnallach a' coimhead, is e a' cur a phrosbaig air ceist mhòr - cò e, i, neo iad Satoshi Nakamoto - a chruthaich Bitcoin. Às deidh dà thomhais cheà rr air a mhìos a chaidh seachad, a bheil sinn cà il nas fhaisge air dèanamh a-mach cò bh' ann?
Agus 's e Coinneach MacLeòid à Scalpaigh cèiliche na seachdain - is e ag innse dha Cathy mu na bliadhnaichean a chuir e seachad ag obair do Roinn Cìs is Cusbainn a' riaghaltais. 'S iomadh sgeulachd inntinneach a th' aige bho là ithean obrach; agus mu chuspair a tha sinn gu tric a' faicinn sna naidheachdan. Sin, agus beagan mu bheatha fhèin ann an Scalpaigh agus e a-nise na chomhairliche don sgìre.
On radio
Broadcasts
- Today 09:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Today 22:25Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal