Main content
Sorry, this episode is not currently available

Gabhsann 1924 - 2024 Eap 1

1/3 Comharrachadh ceud bliadhna bho stèidhicheadh bailtean Ghabhsainn 's Mhealboist a Leòdhas. Commemorating 100 years since the establishment of the community of Galson in Lewis.

‘S e te de bhailtean ùra na Gàidhealtachd a bh’ ann an Gabhsann – bha na daoine air an sguabadh às a’ cheàrnaidh seo de cheann an iar thuath Leòdhais, mar a chaidh am fuadach à iomadh ceàrnaidh dhen Ghàidhealtachd ‘s nan Eilean tron naodhamh linn deug. Bha an t-àite air a ghabhail thairis le stoc nan uachdaran ‘s gu dearbha chaidh èirigh nan aghaidh. Ach b’ ann an dèidh a’ Chogaidh Mhòir, nuair a chaidh daoin’ air an casan a-rithist, a chaidh an talamh a bhriseadh ‘s a chuir a-mach na chroitean do dhaoine.

Tha ceud bliadhna, air a' bhliadhna seo fhèin, bhon uair sin.

Seo prògram a rinn Agnes Rennie ann an 2005 air taigh-tac Ghabhsainn, far na chleachd i criomagan tasglainn bho fheadhainn a thàinig dhan a' bhaile, ann an 1924 – guthan a tha buileach prìseil gan èisteachd an-diugh, ceud bliadhna an dèidh làimh. Nam measg, tha seanmhair Agnes fhèin, Seònaid Ruairidh ‘an Mhàrtainn agus Dòmhnall MacLeòid, Dòmhnall a' Chaolain.

30 minutes

Last on

Sun 3 Nov 2024 10:00

Broadcasts

  • Mon 28 Oct 2024 15:30
  • Wed 30 Oct 2024 20:00
  • Sun 3 Nov 2024 10:00