Main content
This programme will be available shortly after broadcast

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.

Tha dithis de na fìr as beairtiche san t-saoghal, Elon Musk agus Mukesh Ambani a’ strì an aghaidh a chèile airson làmh an uachdair fhaighinn air eadar-lìon saideal na h-Innseachan, cùmhnant gu math luachmhòr, le dùil gum bi dà mhillean neach a' cleachdadh na seirbheis. Tha sinn eòlach gu leòr air a bhith a' cluinntinn mu Elon Musk ach cò e Mukesh Ambani? Bheir Dòmhnall Dòmhnallach dhuinn sgeulachd beatha an duine as beairtiche ann an Àisia.

Tha feamainn pailte air na cladaichean mu chuairt oirnn air a' Ghàidhealtachd 's e air a chleachdadh thar nam bliadhnaichean airson daoine is talamh a bhiathadh agus ann an cungaidhean-leigheis 's maise-gnùis. Ach airson plèanaichean a dhèanamh a-mach às? Uill, san dàrna cogadh bha luchd-saidheans Breatannach a’ coimhead ri itealain a thogail le feamainn. Gheibh sinne an eachdraidh bho Chalum Iain Bartlett agus mìnichidh Iain MacAonghais an saidheans agus dè cho soirbheachail 's a bhiodh a leithid.

'S iomadh duine a shiubhail fad is farsaing airson a bhith aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Òban am-bliadhna ach cha robh mòran a thàinig air astar cho fada ri Randaidh Waugh a rinn a shlighe à Canada. Fhuair Coinneach Mac a' Ghobhainn cothrom bruidhinn ris.

Tha Comunn Eachdraidh Èirisgeidh a' cur ri chèile leabhar de reasabaidhean a bhuineas do mhuinntir an eilein. 'S chan e na reasabaidhean a-mhàin a thathar a' sireadh ach cuideachd sgeulachdan co-cheangailte ris an fheadhainn a bhiodh dhan cleachdadh, mar a mhìnich Veronica NicFhionghuin do dh'Angela NicFhionghuin.

Release date:

57 minutes

On radio

Tomorrow 09:00

Broadcasts

  • Tomorrow 09:00
  • Tomorrow 22:25