Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Dr Urr. Aonghas Moreasdan, Eaglais na h-Alba

Seirbheis còmhla ris an Dr Urr. Aonghas Moireasdan bho Eaglais na h-Alba. Gaelic service conducted by Rev Dr Angus Morrison former Moderator of Church of Scotland.

Ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 147: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Seumas Shirran a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann.
Salm 65: 1 air fonn French agus 's e Lyle Ceanndach a tha os cionn na seinn le taic bho na Còisirean ann an Làsair Dhè.
Salm 133: 1-2 air fonn Stornoway agus os cionn na seinn tha an t-Urr Seumas MacÌomhair, Iain Murchadh Màrtainn agus an t-Urr Calum Iain MacLeòid le taic bho Luchd-seinn nan Sailm.

Leughadh: Gnìomharan nan Abstol 2: 38-47
Ceann-teagaisg: Gnìomharan nan Abstol 2: 42

Rugadh agus thogadh an t-Oll Urr Aonghas Moireasdan ann an Gleann Comhann ann an 1953 ged a chuir e seachad a' chuid bu mhotha de làithean òige anns an Òban. B' ann do bhaile Lingreabhagh anns na Hearadh a bhuineadh athair agus a mhàthair agus tha deagh chuimhne aige fhèin iomadach samhradh a chuir seachad ann an Ceann a Deas na Hearadh agus a bhith a' faighinn blasad air dòigh-beatha anns na h-Eileanan an Iar.

Chaidh Mgr Moireasdan gu Àrd-sgoil an Òbain agus às a sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d'fhuair e teisteanas MA ann an Laideann agus Greugais. Fhuair e teisteanas BD tro Oilthigh Lunnainn agus PhD bho Oilthigh Dhùn Èideann.

Bha Mgr Moireasdan ann an ceithir paraistean bhon a ghabh e dreuchd ministear ann an 1979 : an t-Òban, Dùn Èideann, Steòrnabhagh agus mu dheireadh ann an Eaglais Sgìre Orwell & Portmoak. Bha e cuideachd na Mhodaràtair aig Eaglais na h-Alba. Tha e an-diugh air a dhreuchd a leigeil dheth.

Tha Mgr Moireasdan pòsta aig Marion agus teaghlach de cheathrar aca, triùir ghillean agus aon nighean agus tha triùir oghaichean aca. Bha ùidh a-riamh aige ann a bhith a' leughadh agus a' ceannach leabhraichean agus 's iomadh turas a bhiodh a mhàthair a' trod ris na òige gun robh e air an t-airgead a thug i dha airson lèintean a cheannach a chosg air leabhar eile. 'S e cluas bhodhar a fhuair i agus e fhathast trom air a bhith a' ceannach leabhraichean. Tha ùidh mhòr aige ann a bhith a' coimhead ball-coise agus ag èisteachd ri ceòl clasaigeach.

30 minutes

Last on

Sun 6 Oct 2024 15:00

Broadcasts

  • Sun 6 Oct 2024 09:00
  • Sun 6 Oct 2024 15:00